O Thèid Mi Fhìn Le Mo Ghaol Dhan An t-Searmon / Far Am Bi Mi Fhìn

Òran air a sgrìobhadh le: iain macLeòid (Seonaidh a' Cheisteir) agus air a sheinn le: iain macAoidh.

This is a song written by: iain macLeòid (Seonaidh a' Cheisteir) and sung by: iain macAoidh.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

O thèid mi fhìn le mo ghaol dhan an t-searmon
O thèid mi fhìn le mo ghaol dhan an t-searmon
O thèid mi fhìn le mo ghaol dhan an t-searmon
Is chì iad mi falbh le mo Sheònaid.

Nuair a thig a' chlann-nighean dhachaigh, teannar orra faighneachd
"Cò a bh' agad ann an Gallaibh, cha robh e coibhneil?"
Leòdhasach, gille Hearach, Barrach agus Caoidheach,
'S a h-uile fear air aoidh le mo Sheònaid.

'S tha balaich ann an Crosbost cho fada ri slat-chaoiteig,
Ged a tha iad spaideil, chan eil iad idir 'tidy',
'S nan tigeadh fear ac' an rathaid chuirinn car na chuinnlean
'S chan fhaigheadh e staigh oidhche le mo Sheònaid,

O thèid mi fhìn le mo ghaol dhan an èisteachd
O thèid mi fhìn le mo ghaol dhan an èisteachd
O thèid mi fhìn le mo ghaol dhan an èisteachd
'S chan fhada gus an èighear am pòsadh.

Far am bi mi fhìn 's ann ann a bhios mo dhòchas
Far am bi mi fhìn 's ann ann a bhios mo dhòchas
Far am bi mi fhìn 's ann ann a bhios mo dhòchas
Far am bi mi fhìn bidh mo dhòchas ann.

Thèid mi fhìn is Sìne null gu taigh a' phìobaire
Thèid mi fhìn is Sìne null gu taigh a' phìobaire
Thèid mi fhìn is Sìne null gu taigh a' phìobaire
'S nì sinn brod an ruidhle leinn fhìn air an làr.

Is mur toir am fìdhlear port dhuinn airson ruidhle
Is mur toir am fìdhlear port dhuinn airson ruidhle
Is mur toir am fìdhlear port dhuinn airson ruidhle
Tha feadan aig a' chiobair is pìob aig a' cheàrd.

Siubhal air na cladaichean 's a' coiseachd air a' ghainmhich
Siubhal air na cladaichean 's a' coiseachd air a' ghainmhich
Siubhal air na cladaichean 's a' coiseachd air a' ghainmhich
A' dol tro na monaidhean gu airighean.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.