Òran

Òran air a sgrìobhadh le: aonghas macNeacail agus air a sheinn le: dòmhnall seathach agus Karen NicMhathain.

This is a song written by: aonghas macNeacail and sung by: dòmhnall seathach and Karen NicMhathain.

Facail an Òrain / Song Lyrics

A ghruagach mhìn bhòidheach gun d' fhuair thu mi lapach
Mo mhiann air dhol seachran is m' inntinn gun ghleus,
Bha dùil a'm bhith reidht' ann an cùrs mo mhac-meanmhainn
Ach thàinig do mhais' orm gun fhiosta mar bheum.

Tha mo rùn ort mar shlabhraidh an aghaidh a' ghaillinn 's
Ri pianadh no aoibhneas 's tu acair mo chiall,
'S e do ghnè a bhith mald' mo chlach-iùil on a' chiad uair
A loisg air mo shùilean do chumadh san ial.

Bidh mo chàirdean a' magadh gur e th' ann ach saobhadh
Iad nach fhairich do ghathan am buillsgean an deò,
Ach 's mise tha cinnteach, air gealladh mo chraidhteachd
Gum bi thu nad leannan dhomh fhad 's bhios mi beò.

A ghruagach mhìn bhòidheach gun dh'fhàg thu mi lapach
Tha m' anam na fhàsach on dh'fhàg thu mo thaobh,
Aon toinntean na thaic dhomh gun till thu gam ionnsaigh
'S gu siubhail sinn còmhla an cuibhreach a' ghaoil.

Seinneadairean / Performers

Karen NicMhathain

Karen NicMhathain

'S ann à Taigh an Uillt ann an Earra-Ghàidheal a tha Karen NicMhathain ach buinidh a cuideachd do Bharraigh agus thog i mòran de na ...

Fiosrachadh air Karen NicMhathain / Learn more about Karen NicMhathain

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.