Òran Chairistìona Brus

Òran air a sgrìobhadh le: Niall Moireasdan (Bàrd Phabaigh) agus air a sheinn le: coinneach macMhathain.

This is a song written by: Niall Moireasdan (Bàrd Phabaigh) and sung by: coinneach macMhathain.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Ho rò cha bhi mi gad chaoidh nas mò,
Ma thrèig thu mise cha lugh' orm thu,
Nan tigeadh tu rathad bu tu m' aighear 's mo rùn,
'S nam faighinn do litir gum brisginn a-null.

Ged tha mi nam chìobair a' dìreadh nam beann,
'S a' teàrnadh nan glaicean chan fhad' bhios mi ann,
'S ann thèid mi a-null far an cluinn mi do chainnt,
'S gura leasachadh slàint' dhomh mo làmh chuir na d' làimh.

Gun tèid mi san ùir, air mo dhùnadh sna clàir,
Àilleachd do ghnùis, bidh nam shùilean a ghnàth,
Dh'fhàg thu neo-shunndach mi dìreadh na h-àrd,
Muigh aig fuaradh nam beann is gach àm 's gun mi slàn.

Tha mo shùilean a' sileadh mar fhrasan an àit',
Mo fhrasgan air losgadh le teothad do ghràdh,
Fo eagal 's fo iomagain 's fo imcheist gach là,
Gun toir mac a Ghoill bhuam thu 's nach buannaich mi d' làmh.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.