
Rugadh Joy Dunlop as a' Chonghail an Earra-Ghàidheal. Bho aois òg tha i air a bhith dol gu fèisean agus gu Mòdan far a bheil fèill oirre, chan ann a-mhàin airson a seinn agus a comas dannsa, ach cuideachd airson an ùidh mhòr a tha aice ann an cànan agus ann an ceòl nan Gaidheal.
Tha i air iomadh duais a ghleidheadh ann am farpaisean seinn, agus aig Mòd Ghallaibh ann an 2010 choisinn i Bonn Òr a' Chomuinn Ghàidhealaich. Bidh i tric na britheamh aig Mòdan ionadail agus nàiseanta.
Tha Joy cuideachd a' stiùireadh Còisir Cheann an Tuirc, coisir fhear à Earra-Ghàidheal, agus tha i a' seinn ann an Atomic Piseag, còisir bhan à Earra-Ghàidheal. Tha i a' teagasg Gàidhlig do Chòisir Thaigh an Uillt, a bharrachd air a bhith a' seinn còmhla riutha. Tha i cuideachd am measg a' cheathrar a bhios a' seinn fon ainm Deàlrach.
Tha i air seinn leatha fhein aig fèisean leithid Celtic Connections an Glaschu, Celtic Colours an Canada agus Schottland Festival san Òlaind, agus tha i air aon CD fhoillseachadh gu ruige seo.
Tha Joy cuideachd na dannsair tàlantach agus bidh i a' teagasg dannsa an iomadh àite an Alba agus thall-thairis. Tha ùidh mhòr aice as a' cheangal a tha eadar puirt-à-beul agus dannsa-ceum.
An dèidh ceumnachadh le Urram à Sabhal Mòr Ostaig ann an 2004, agus le duais Anna NicDhonnchaidh airson Gàidhlig a bhrosnachadh sa choimhearsnachd, bha Joy ag obair làn-ùine dhan Chomunn Ghàidhealach mar oifigear leasachaidh an Earra-Ghàidheal, Bòid agus na h-Eileanan.
Tha i an sàs ann an iomairtean Gàidhlig aig iomadh ìre agus còmhla ri iomadh buidheann mar neach-teagasg, mar eadar-theangaiche agus mar sgrìobhaiche a tha air a bhith air a moladh aig na Scottish Press Awards agus na Highlands and Islands Media Awards. Tha i air pàirt a ghabhail ann an iomadh prògram telebhisean agus rèidio.
Ann an 2007 thug i greis a' teagasg Gàidhlig aig Fèis Mhabou ann an Ceap Breatainn agus ann an 2008 thug i greis ann an Sealan Nuadh a' teagasg Gàidhlig agus òrain Ghàidhlig ann an diofar choimhearsnachdan.
Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.