Ma chuireas duine a' cheist air Màiri Sìne Lamond "Cò às a tha thu?" 's e freagairt a gheibh iad, "Gu fìrinneach, chan eil mi buileach cinnteach!"
Ged a rugadh Màiri Sìne ann an Kingston, Ontario, chan eil cuimhne aice air a' bhaile. Air sgàth an obair a bha aig a h-athair bha an teaghlach a' gluasad bho àite gu àite. Mus robh Màiri Sìne sia bliadhna deug a dh'aois bha iad air a bhith a' fuireach ann an Kingston, am Point Claire an Quebec, an Sarnia an Ontario, an Sydney an Alba Nuadh, am Brockville an Ontario, agus am Montreal.
Ach a chionns gur ann à Ceap Breatainn a bha a h-athair agus gur ann bhon tìr-mhòr a bha cuideachd a màthar a chaidh a togail ann an Halifacs, bha an teaghlach a' cur seachad ùine gach samhradh am measg an cuideachd an Alba Nuadh. Bhiodh iad "a' dol dhachaigh" ann.
Ged nach eil an t-aimn "Lamond" idir pailt ann an Uibhist a Tuath, 's ann às a dh'fhalbh cuideachd Mhàiri Sìne agus 's ann am measg nan Tuathaich a thuinich iad an Ceap Breatainn, mun cuairt Abhainn Mhira.
Sin far an cuala i Gàidhlig an toiseach, a seanair agus a seanmhair a' bruidhinn ri chèile agus ris na nabaidhean. Tha cuimhne aice air na seann daoine a' seanachas sa Ghaidhlig mu choinneamh na h-eaglais às dèidh na seirbhis, agus gu h-àraidh a seanair a' gabhail ùrnaighean Gàidhlig air an oidhche.
Ged a b' e bana-Dhòmhnallach a bha ann am màthair Mhàiri Sìne, cha robh Gàidhlig air an taobh sin. Thàinig iad gu Alba Nuadh às na Stàitean an dèidh Cogadh na Saorsa as an robh iad san Arm Bhreatannach. Bha a seanair a' cumail a-mach gur e Sgitheanaich a bha annta, ach leis gun dh'fhàg iad Alba cho tràth, chan eil dearbhadh aice air sin.
An-diugh tha a dachaigh ann an Gleann Dail an Ceap Breatainn.
Tha Màiri Sìne air obair mhòr a dhèanamh a thaobh na Gàidhlig, an Amaireaga a Tuath agus nas fharsainge. Tha i gu h-àraidh aithnichte airson na tha i air a dhèanamh gus òrain às an dualchas ath-bheothachadh, a' toirt beatha ùr dhaibh ann an suidheachaidhean ùra. Tha i gam foillseachadh air àrd-ùrlair air feadh an t-saoghail. Aig ìre coimhearsnachd tha i gan teagasg do dhaoine aig gach aois fhad 's a tha i a' misneachadh nan seann eòlaich gus cumail a' seinn. Tha i a' teagaisg clasaichean ann an cànan na Gàidhlig cuideachd.
Tha pàirt air a bhith aice ann an iomadh prògram telebhisean agus rèidio, a' seinn agus cuideachd a' cruthachadh ciùil. Tha i air a bhith na comhairliche Gàidhlig don fhèis eadar-nàiseanta Celtic Colours.
Tha i air duaisean cudthromach a chosnadh airson seinn beò agus airson a cuid chlàir. San Dàmhair 2010 chaidh Duais Portia White a thoirt dhith airson na tha i air a dhèanamh gus cultar na Gàidhlig a dhìon agus a leasachadh.
A' bruidhinn air carson a fhuair i an duais thuirt Percy Paris, am Ministeir airson Turasachd, Cultar agus Dualchas an Canada, "The world has fallen in love with Mary Jane Lamond's unique singing voice and embraced Gaelic song in the process. She deserves recognition for her talent and the passion she brings to her art."
Mar phàirt den duais chliùiteach seo bha cothrom aig Màiri Sìne duais airgid a bhuileachadh air a roghainn fhèin de bhuidheannan ealain. Thagh i Comann Fèis an Eilein, ann an Eilean na Nollaige an Ceap Breatainn, buidheann a tha a' cleachdadh ceòl agus òrain Ghàidhlig airson luchd-turais a thàladh dhan sgìre aca gach samhradh.
Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.