Steven MacÌomhair

Rugadh is thogadh Steven MacÌomhair ann am baile beag, Nàst, a tha gu math faisg air Inbhir Àsdal air Taobh Siar Rois. 'S ann às Inbhir Àsdal a tha athair, agus, ged is ann às an Eilean Dubh a tha a mhàthar, buinidh a h-athar do Pholl Iùbh. Mar sin tha ceangal làidir aig Steven ri sgìre Gheàrrloch.

Ged nach robh Gàidhlig san taigh nuair a bha Steven a' fàs suas, tha beagan Gàidhlig aig athair agus bha Gàidhlig àlainn aig a sheanar air taobh athar. Tha aithreachas air Steven an-diugh nach robh Gàidhlig aige fhèin nuair a bha a sheanair beò airson bruidhinn ris.

Chaidh Steven gu Bun-sgoil Inbhir Àsdail agus an uair sin gu Àrd-sgoil Gheàrrloch, far an do thòisich e air Gàidhlig ionnsachadh còmhla ri Maoilios Caimbeul.

Às dèidh dha an sgoil fhàgail chaidh e gu Sabhal Mòr Ostaig far an do thòisich e air ceum ann an Cànan agus Cultar na Gàidhlig. Mus do chur e crìoch dòigheil air a' sin, chaidh e a dhèanamh cùrsa anns na meadhanan. Mar phàirt den chùrsa, rinn e greis-gnìomhachais aig STV. Tha e air a bhith fuireach ann an Glaschu airson beagan bhliadhnaichean.

Ged a bha Steven riamh a' seinn, bha e 12 bliadhna a dh'aois nuair a thòisich e a' seinn leis fhèin. Ghabh e pàirt ann am Mòd ionadail aig an taigh agus bhon uair sin tha e air a bhith a' seinn aig diofar Mhòdan, chonsairtean agus chèilidhean air feadh Alba.

'S i Mairead NicÌomhair nach maireann, nàbaidh dhaibh ann an Nàst, a bha ga chuideachadh leis na h-òrain an toiseach, ach 's i Kirsteen Menzies, Inbhir Pheofharain, agus Alasdair agus Jean NicGillEathain a tha air a bhith toirt taic dha thairis air na bliadhnaichean mu dheireadh.

'S e Alasdair is Jean a bha ga theagasg ann an 2009 nuair a fhuair e Bonn Òr a' Chomuinn aig a' Mhòd Nàiseanta.

Tha ùidh mhòr aig Steven ann an òrain Ghàidhlig is bidh e ag èisteachd ri deagh mheasgachadh dhiubh agus a' togail òrain bho thall 's a-bhos.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.