Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1423
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 1423. Roddy Maclean reads this week's letter for Gàidhlig learners.
Last on
Yesterday
13:55
BBC Radio nan Gàidheal
More episodes
![]()
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 1119
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1423
Duration: 05:03
Litir 1423: Fionn agus an Ath-chadal
Ciamar a chanas sinn ann an Gàidhlig, ‘I went back to sleep, I slept in’? Faodaidh sinn seo a ràdh: ‘Rinn mi an ath-chadal.’ Agus ciamar a chanas sinn ‘reddening of the sky’? Uill, tha an abairt seo againn – rudhadh shuas. Reddening up high. Rudhadh shuas.
Tha an dà abairt a’ tighinn còmhla ann an seanfhacal Gàidhlig a tha a’ gabhail a-steach an t-sàr-ghaisgich, Fionn MacCumhail:
Rudhadh shuas an àm laighe,
Dh’èireadh Fionn moch sa mhadainn,
Rudhadh shuas sa mhoch-mhadainn,
Dhèanadh Fionn an ath-chadal.
Tha seo car coltach ri seanfhacal Beurla, ged nach eil sgeul air Fionn anns a’ Bheurla.
Rudhadh shuas an àm laighe: [With a] reddening of the sky at bedtime,
Dh’èireadh Fionn moch sa mhadainn: Fionn would rise early in the morning.
Rudhadh shuas sa mhoch-mhadainn: [With a] reddening of the sky in the early morning.
Dhèanadh Fionn an ath-chadal: Fionn would have a long lie.
Rudhadh shuas an àm laighe
Dh’èireadh Fionn moch sa mhadainn
Rudhadh shuas sa mhoch-mhadainn
Dhèanadh Fionn an ath-chadal.
Carson a dh’èireadh Fionn tràth – no moch – sa mhadainn nam biodh rudhadh san adhar an oidhche roimhe? Uill, bhiodh fios aige gur e deagh latha a bhiodh roimhe. Bhiodh an rudhadh shuas am feasgar roimhe ag innse sin dha.
Agus carson a dhèanadh Fionn an ath-chadal nam biodh rudhadh san adhar anns a’ mhoch-mhadainn? Uill, thuigeadh e gun robh droch shìde a’ tighinn – math dh’fhaodte stoirm.
Agus dè an seanfhacal Beurla a th’ ann, a tha a-mach air an dearbh rud? Tha – red sky at night, shepherd’s delight; red sky in the morning, sailor’s warning.
Bha na seann daoine fìor mhath air tomhas a dhèanamh air an t-sìde a bhiodh romhpa le bhith a’ coimhead air nàdar, gu sònraichte air na sgòthan agus air coltas an adhair. Bhiodh iad cuideachd a’ dèanamh fàisneachd air an aimsir a rèir mar a bhiodh cuid de dh’eòin gan giùlan fhèin. Dh’inns mi dhuibh mu fheadhainn dhiubh ann an Litir 1188.
Ach – eun nach do dh’ainmich mi anns an Litir sin – ’s e sin a’ chearc-bheinne ris an canar ‘an tàrmachan’. Tha sgeul inntinneach mun tàrmachan aig Alasdair MacIlleMhìcheil ann an Carmina Gadelica. B’ e a’ bhliadhna ochd ceud deug, seachdad ’s a seachd (1877). Dhìrich Alasdair agus companach gu mullach beinne anns Na Hearadh. Nuair a bha iad shuas air a’ chreachann far an robh na tarmachain a’ còmhnaidh, chuala iad monbar nan eun.
An uair sin, chunnaic iad na h-eòin. Thòisich na tàrmachain air gluasad, an uair sin air ruith, an uair sin chaidh iad air sgèith. Bha companach Alasdair, a bha eòlach air an àite agus air na h-eòin, deimhinne – bha fìor dhroch shìde air an rathad. Bhiodh aig an dithis aca ri teàrnadh gu bonn na beinne gun dàil.
Ghabh Alasdair iongnadh. Bha an t-adhar soilleir, cha robh sgòth ann agus bha i ciùin. Ach dh’fhalbh iad. Taobh a-staigh uair a thìde, dh’fhalbh a’ ghrian. Dh’fhàs na speuran dorch. Taobh a-staigh uair a thìde eile, bha cur is cathadh ann.
Bha a chompanach air a ràdh ris gur e fèin-ghiùlan nan tàrmachan a dh’inns dha gum biodh gailleann-sneachda ann. Saoil an robh seanfhacal aige airson sin?

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Gu litreachail: literally; tàrmachan: ptarmigan; Alasdair MacIlleMhìcheil: Alexander Carmichael; Na Hearadh: Harris; ciùin: calm fèin-ghiùlan: behaviour; gailleann-sneachda: snowstorm.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Tha an dà abairt a’ tighinn còmhla ann an seanfhacal Gàidhlig: both phrases come together in a Gaelic proverb; a tha a’ gabhail a-steach an t-sàr-ghaisgich, Fionn MacCumhail: that brings in the great hero, Fionn MacCumhail; rudhadh shuas an àm laighe: [with a] reddening of the sky at bedtime; dh’èireadh Fionn moch sa mhadainn: Fionn would rise early in the morning; rudhadh shuas sa mhoch-mhadainn: [with a] reddening of the sky in the early morning; dhèanadh Fionn an ath-chadal: Fionn would have a long lie; bhiodh an rudhadh shuas am feasgar roimhe ag innse sin dha: the reddening of the sky the previous evening would tell him that; gun robh droch shìde a’ tighinn – math dh’fhaodte stoirm: that bad weather was coming – perhaps a storm; a-mach air an dearbh rud: concerning the same thing; bha na seann daoine fìor mhath air tomhas a dhèanamh air an t-sìde a bhiodh romhpa: the old people were really good at estimating the weather to come; le bhith a’ coimhead air nàdar: by looking at nature; a rèir mar a bhiodh cuid de dh’eòin gan giùlan fhèin: according to how some birds would behave; nuair a bha iad shuas air a’ chreachann: when they were up on the vegetationless wind-blasted mountaintop; far an robh na tarmachain a’ còmhnaidh: where the ptarmigan were living; chuala iad monbar nan eun: they heard the murmuring of the birds; chaidh iad air sgèith: they took to the wing; dh’fhàs na speuran dorch: the sky grew dark; taobh a-staigh uair a thìde eile, bha cur is cathadh ann: within another hour, there was a snowstorm.
Puing-chànain na Litreach
Puing-chànain na Litreach: bhiodh fios aige gur e deagh latha a bhiodh roimhe: he would know that it would be a good day in front of him i.e. that he would have a good day. Roimhe is the prepositional pronoun formed by a combination of ro ‘before’ and e ‘him’; such prepositional pronouns can be used in expressions of this nature e.g. Bha latha fada romhpa ‘they had a long day ahead of them.’
Gnàthas-cainnt na Litreach
Gnàthas-cainnt na Litreach: a’ dèanamh fàisneachd air an aimsir: predicting the weather.
Broadcast
- Yesterday 13:55BBC Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.