Cunntais-beatha / Biographies

Liosta de na sgrìobhaichean agus na seinneadairean a th' air an làraich, le eachdraidh-beatha mu choinneamh gach fear is tè. An alphabetical list of the writers and singers featured on the site, including biographical information for each person.

Màiri NicDhùghaill (NicDhòmhnaill)

Rugadh Màiri NicDhùghaill ann an Àrd Tunna, dlùth air Buneasan san Ros Mhuileach, ann an 1789, an nighean aig Donnchadh Dùghallach agus a bhean, Anna ...

Màiri NicEalair

Rugadh Màiri Chamshron sa bhliadhna 1836 an Gearastan Loch Abar far an robh a h-athair na fhuineadair. Fhuair i togail còmhla ri seanair, Donnchadh MacDhiarmaid ...

Màiri NicGillEathain

Ged a rugadh 's a thogadh Màiri NicGillEathain ann an Glaschu tha dlùth cheangal aice ri Uibhist a Deas. 'S i nighean Charlotte Chaluim à ...

Màiri NicÌomhair

Rugadh Màiri Ghreumach air a' Bhac, Leòdhas ann an 1868. Phòs i Dòmhnall MacÌomhair, Dòmhnall 'an Chuil, agus rinn iad an dachaigh aig 34, Am ...

Màiri NicÌomhair

Rugadh Màiri NicÌomhair ann an 1841, nighean le Murchadh MacÌomhair, Murchadh Thormoid, agus Màiri Mhoireasdan a bhuineadh do dh'Eilean Phabaigh air taobh siar Leòdhais. Bha ...

Màiri NicLeòid (Màiri Nighean Alasdair Ruaidh)

Ged a tha Màiri NicLeòid, Màiri Nighean Alasdair Ruaidh na bana-bhàrd ainmeil 's e glè bheag de dh'fhiosrachadh a tha ri fhaighinn mu beatha. Ann ...

Màiri Peckham

Màiri Peckham

B' ann à Port Nis, Leòdhas a bha Màiri Peckham (Mhoireasdan). Cha robh i ach 18 nuair a chaidh a h-iompachadh ri linn an dùsgaidh ...

Màiri Sandeman

Rugadh agus thogadh Màiri Sandeman ann an Dùn Èideann. B' ann à Devon a bha a màthair, Màiri Trump, agus thàinig cuideachd a h-athar, Pat ...

Màiri Sìne Chaimbeul (NicAoidh)

Rugadh agus thogadh Màiri Sìne Chaimbeul (NicAoidh) an 1949 anns a' Phloc, baile a bha agus a tha fhathast gu math làidir a thaobh seinn ...

Màiri Sìne Lamond

Ma chuireas duine a' cheist air Màiri Sìne Lamond "Cò às a tha thu?" 's e freagairt a gheibh iad, "Gu fìrinneach, chan eil mi ...

  1. 1
  2. 2
  3. 3
  4. 4
  5. 5
  6. 6
  7. 7
  8. 8

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.