Geamaichean mòra am ball-coise ionadail

Thèid An Rubha an aghaidh Aths oidhche Haoine
- Air fhoillseachadh
Tòisichidh deireadh-seachdain fìor mhòr ann am ball-coise ionadail ann an Garrabost oidhche Haoine nuair a chluicheas An Rubha an aghaidh Athletic Steòrnabhaigh ann an Lìog Leòdhais is na Hearadh.
Tha an dà sgioba air leantainn orra aig a' mhullach nuair a tha feadhainn eile a bha a' farpais 'son an tiotail air tuiteam air falbh, is An Rubha is Aths ri chèile air dìreach aon gheama a chall gu seo.
Tha na Rubhaich ann an suidheachadh beagan nas làidire is iad puing air thoiseach air Aths is iad cuideachd air geama nas lugha a chluich.
Tha coltas ann mar sin gu bheil e deatamach do dh'Aths an geama a bhuannachadh, ged a bhios An Rubha iad fhèin gu mòr ag amas air na trì puingean cuideachd.
"Geama mòr dha-rìribh agus às bith cò bhuannaicheas, 's iad an sgioba, chanainn, a gheibh an lìog," thuirt Coinneach MacLeòid air Aithris na Maidne Dihaoine.
Tòisichidh an geama ann an Garrabost aig 6:30f.

Feasgar Disathairne bidh aire air Col Uarach far an tèid Am Bac an aghaidh Na Hearadh ann an cuairt dheireannach Chupa Eilean an Fhraoich.
Tha na sgiobaidhean mar-tha air coinneachadh ann an cuairt dheireannach am-bliadhna is Na Hearadh air a' chùis a dhèanamh 1-0 air na Bacaich gus Cupa Leòdhais a bhuannachadh.
Bidh coltas car diofraichte, ge-tà, air na sgiobaidhean ann an Cupa Eilean an Fhraoich ri linn nan riaghailtean sònraichte aig an fharpais seo.
"Tha Na Hearadh agus Am Bac a' call duine no dithis ach cuideachd tha iad a' toirt a-steach triùir no ceathrar," mhìnich Coinneach.
"Tha an dà sgioba gu math làidir ach chanainn gu bheil sgioba a' Bhac beagan nas làidire ach tha dùil ri geama gu math teann."
Tòisichidh an geama ann an Col Uarach aig 5:00f.
Malaig ag amas air an tiotal
Ann an Lìog Taobh Siar na Gàidhealtachd Disathairne cuiridh Malaig fàilte air a' Ghearasdan is dìreach puing a dhìth orra gus an liog a bhuannachadh.
Tha Malaig air a h-uile geama lìge gu seo a bhuannachadh is bidh a h-uile dùil ann gum faigh iad an duais.
Ma 's e is gun tèid cùisean ceàrr orra ge-tà, dh'fhaodadh an lìog a dhol dhan gheama mu dheireadh eadar Malaig is Iar-Thuath an Eilein Sgitheanaich.
Bhiodh sin cuideachd a' crochadh air an dèan an Iar-Thuath a' chùis air Slèite is an Srath Disathairne.
Uibhist is Bharraigh
Ann an Lìog Uibhist is Bharraigh thèid Saints an aghaidh Èirisgeigh oidhche Haoine.
Tha an uairsin geamaichean ann Disathairne is Dimàirt a bheir buaidh air an tiotal is cothrom fhathast aig na Barraich, Beinn na Faoghla is Uibhist a Tuath.
Cluichidh Barraigh an aghaidh Southend Disathairne air thoiseach air geama mòr eadar Beinn na Faoghla is Uibhist a Tuath oidhche Mhàirt.
Tha geama mòr air tìr-mòr Disathairne cuideachd - cuairt dheireannach Chupa Amaitearach na Gàidhealtachd eadar Golspie Stafford is Whalsay.
Bidh an geama sin ann an Inbhir Ùige aig 1f.