An Iar-Thuath is Malaig gus an seusan a thoirt gu ceannair fhoillseachadh aig 15:45 TSB
Thig seusan a' bhuill-choise ionadail gu ceann Disathairne nuair a chluicheas Iar-Thuath an Eilein Sgitheanaich an aghaidh Mhalaig sa gheama mu dheireadh ann an Lìog Thaobh Siar na Gàidhealtachd.
Tha cha mhòr dà mhìos ann bho bhuannaich Malaig an tiotal ach tha dàil air a dhol air a' gheama seo is an Iar-Thuath - a chrìochnaicheas san dàrna àite às bith dè thachras - air a bhith trang ann an Cupa Amaitearach na h-Alba.
Rinn iad an gnothach air Bon Accord City air breaban-peanais ann an Obar Dheathain às dèidh dha na sgiobaidhean a bhith co-ionnan 3-3.
Bha a' chiad gheama eatorra san Eilean Sgitheanach air crìochnachadh 2-2.
Bha an Iar-Thuath an uairsin co-ionnan 3-3 ann am Port Rìgh san ath chuairt an aghaidh St Anthony's, mus do chaill iad 5-0 ann an Glaschu.
Bha briseadh-dùil eile ann dhaibh Disathairne nuair a rinn Caol Àcain an gnothach orra 5-3 air breaban-peanais is na sgiobaidhean air crìochnachadh co-ionnan 2-2 sa chuairt dheireannaich de Chupa Eòghainn MhicRath.
Ged a tha Malaig air a bhith nan tàmh nuair a bha sin uile a' tachairt, bidh iad fhèin gu mòr ag amas air an geama a bhuannachadh is an seusan a chrìochnachadh gun puing idir a leigeil seachad san lìog.
Tha dùil gun tèid an geama air adhart ann an Ùige aig 11:30m.















