Aths a' gluasad gu mullach na lìge

Aths a' dèanamh a' chùis air An Rubha 4-2Tùs an deilbh, Island Footie
  • Air fhoillseachadh

Ghluais Aths Steòrnabhaigh gu mullach Lìog Leòdhais is Na Hearadh às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air An Rubha 4-2 oidhche Haoine.

'S iad Ben MacLeòid, Nick Hope (2) agus Harry Bray a fhuair na tadhail do dh'Aths le Aonghas Dòmhnallach a faighinn an dà thadhal dhan a Rubha.

Tha sin a' gluasad Aths aon phuing air thoiseach air na Rubhaich aig a' mhullach, ged a tha An Rubha air aon gheam nas lugha a chluich.

Tha sin a' ciallachadh gu bheil an tiotal fhathast ann an làmhan nan Rubhach.

Ma bhuannaicheas iad na trì geamaichean mu dheireadh aca an aghaidh United, Na Lochan agus an Taobh Siar bidh an lìog aca gu cìnnteach.

Cluichidh Aths an aghaidh Na Hearadh agus Na Lochan san dà gheam mu dheireadh acasan.

Cupa Eilean an Fhraoich

Feasgar Disathairne bidh aire air Col Uarach far an tèid Am Bac an aghaidh Na Hearadh ann an cuairt dheireannach Chupa Eilean an Fhraoich.

Tha na sgiobaidhean mar-tha air coinneachadh ann an cuairt dheireannach am-bliadhna is Na Hearadh air a' chùis a dhèanamh 1-0 air na Bacaich gus Cupa Leòdhais a bhuannachadh.

Bidh coltas car diofraichte, ge-tà, air na sgiobaidhean ann an Cupa Eilean an Fhraoich ri linn nan riaghailtean sònraichte aig an fharpais seo.

Tòisichidh an geama ann an Col Uarach aig 5:00f.

Lìog Uibhist is Bharraigh

Bha droinneadh ann do dh'Èirisgeigh ann an Lìog Uibhist is Bharraigh beagan làithean às dèidh dhaibh Cupa Billy McNeill a thogail.

Chaill iad oidhche Haoine ri Saints an Iochdair 14-0.

Thèid geamaichean a chluich Disathairne agus Dimàirt cuideachd a bheir buaidh air far an tèid an tiotal air an t-seusan sa.

Tha cothrom fhathast aig na Barraich, Beinn na Faoghla is Uibhist a Tuath air an lìog a bhuannachadh

Cluichidh Barraigh an aghaidh Southend Disathairne air thoiseach air geama mòr eadar Beinn na Faoghla is Uibhist a Tuath oidhche Mhàirt.

Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte