Bàideanach le sùil air tiotal Prìomh Lìog nam ban

Fo-thiotal,

Rinn Bàideanach an gnothach 6-0 air Ceann Loch Seile nas tràithe sa mhìos gus Cupa na Prìomh Lìge a bhuannachadh

  • Air fhoillseachadh

Coinnichidh an dà sgioba as fheàrr ann an iomain nam ban am-bliadhna às ùr Didòmhnaich is cothrom aig tè dhiubh air an tiotal a bhuannachadh.

Nì puing a' chùis do Bhàideanach - ach ma 's e is gun dèan Ceann Loch Seile a' chùis orra bidh an tiotal nan làmhan fhèin is dà gheama eile acasan ri cluich.

Tha Ceann Loch Seile air adhartas mòr a dhèanamh am-bliadhna is iad air an stèidheachadh fhèin mar thè de na sgiobaidhean as làidire a th' ann.

Ach ged nach eil iad ach air dà gheama a chall fad an t-seusain, 's ann an aghaidh Bhàideanach a bha a dhà dhiubh.

Rinn Bàideanach a' chùis 5-1 san lìog agus 6-0 nuair a chluich na sgiobaidhean sa chuairt dheireannaich de Chupa na Prìomh Lìge nas tràithe air a' mhìos.

"S e dùbhlan mòr a th' ann 'son Cheann Loch Seile ach 's dòcha gu bheil cothrom ann dìreach ma bhios Bàideanach ro mhisneachail," thuirt Ceit Bradley air Aithris na Maidne.

"S dòcha gum bi sin na chunnart ann an dòigh."

Às bith dè thachras Didòmhnaich, bidh geama fìor mhòr eile eadar na sgiobaidhean an ath-sheachdain a-rithist is iad gus cluich ann an cuairt dheireannach Chupa Valerie Fhriseil.

Iomain nam fear

Tha còig geamaichean sa Phrìomh Lìog ann an iomain nam fear Disathairne le Baile Ùr an t-Slèibh a' cur fàilte air Ceann Loch Seile is Ceann a' Ghiùthsaich a' siubhal gu Taigh na Bruaich gus Caol Bhòid a chluich.

Dìreach suas an rathad cuiridh Caol-Gleann fàilte air Cabar Fèidh is cruaidh fheum aca air na puingean ma tha iad gus strì a dhèanamh fuireach san lìog.

San dà gheama eile bidh na Sgitheanaich aig an taigh an aghaidh Camanachd an Òbain is bidh An Gearasdan an aghaidh Loch Abair.

Tillidh Lòbhat dhan Phrìomh Lìog le cinnt ma nì iad a' chùis air a' Mhanachainn, is dh'fhaodadh iad a dhol suas fiù 's mura buannaich iad a rèir 's dè thachras eadar Cill Mhàilidh is Bòd.

Ann an Lìog Tuath 2 bidh Leòdhas an aghaidh Bhoth Fhleisginn ann an Siabost.

Bidh cuideachd cuairt dheireannach Chupa Shrath Èireann ann - sin eadar Ceann a' Ghiùthsaich is Baile Ùr an t-Slèibh.

Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte