Malaig a' buannachadh Lìog Taobh Siar na Gàidhealtachd

- Air fhoillseachadh
Nochd dearbhadh oidhche Haoine gun robh Malaig air Lìog Taobh Siar na Gàidhealtachd a bhuannachadh leis nach b' urrainn don Ghearasdan an geam a bha còir a bhith aca nan aghaidh Disathairne a choileanadh.
Cha robh ach puing a dhìth air Malaig son an tiotal a thogail ach fhuair iad na trì leis nach robh e comasach dhan Ghearasdan sgioba fhaighinn ri chèile.
Chaidh cuideachd trì puingean a thoirt air falbh bho sgioba a' Ghearasdain.
Tha sin a' ciallachadh gu bheil Malaig a-niste air na lìog a bhuannachadh trì tursan a-mach às na ceithir bliadhna mu dheireadh.
Leis a sin, cha bhith ach aon gheam san lìog Disathairne le Iar Thuath an Eilein Sgitheanaich a' dol an aghaidh Shlèite is an t-Srath.