Naidheachdan 11:00m
Bùird Slàinte
Gheall am Prìomh Mhinistear, Iain Swinney, nach caill daoine an cosnadh an aghaidh an toil nuair a thèid àireamh nam bòrd slàinte ann an Alba a ghearradh bho 14 gu 2. Dh'fhoillsich e an-dè gun robh e a' coimhead ri dìreach dà bhòrd slàinte a bhith ann airson tìr-mòr na dùthcha - fear airson an taobh siar 's fear airson an taobh sear. Cha chanadh Mgr Swinney cia mheud dreuchd a dh'fheumadh falbh ach thuirt e gum feumar na tha a' cosnadh anns an roinn phoblaich a lùghdachadh.
A' Ghàidhealtachd
Tha iomagain a' nochdadh mu na dh'fhaodadh na planaichean airson dìreach dà bhòrd slàinte a bhith a' ciallachadh dhan Ghàidhealtachd. Thuirt an Dr Mìcheal Foxley, a bha roimhe air Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd agus na fhear-gairm air comhairle na sgìre, gun robh na molaidhean a' cur uabhas air. Tha eagal air gum bi àitichean air feadh farsaingeachd na Gàidhealtachd air am fàgail air dheireadh nuair a thig e gu airgead fhaighinn airson slàinte, ma bhios iad anns an aon bhòrd ri Glaschu 's bailtean mòra eile taobh siar na Galltachd.
Ùghdarras Singilte Eileanach
Tha fàilte ga cur ge-tà, air molaidhean a' Phrìomh Mhinisteir airson mar a dhèidheadh slàinte is seirbheisean eile a ruith anns na h-eileanan - sin na h-Eileanan Siar, Arcaibh is Sealtainn. Tha e a' coimhead ri seirbheisean Comhairle nan Eilean Siar agus bòrd slàinte nan Eilean a chur còmhla, fon aon ùghdarras. Thuirt Fear-Gairm na Comhairle, Coinneach MacLeòid, gun robh iadsan air a bhith ag iarraidh sin bho chionn fhada agus gun sàbhaladh e airgead airson a chosg air slàinte.
Craoladh Gàidhlig
Tha cathraiche MG ALBA, Iain Moireasdan, air a bhith ag ràdh ris a' Phàrlamaid ann an Westminster gu bheil craoladh na Gàidhlig air fhàgail air dheireadh nuair a thig e gu maoineachadh phrògraman mion-chànain anns an Rìoghachd Aonaichte. Bha e a' toirt fianais do Chomataidh nan Cùisean Albannach mar phàirt den rannsachadh aca air craoladh Gàidhlig. Thuirt e gun robh lùghdachadh 45% air a bhith ann am maoineachadh BBC ALBA ann an da-rìribh thairis air deich bliadhna.
Gary Glitter
Nochd an seinneadair Gary Glitter anns a' chùirt ann an Lunnainn fo ochd casaidean droch dhìol feiseil air nighean òg anns na 70an 's na h-80an. Bha i eadar 8 agus 11 bhliadhna de dh'aois aig an àm. Rinn Glitter, fon ainm cheart aige Paul Gadd, tagradh gun robh e neo-chiontach.
Aillse an Aotramain
Sheall rannsachadh gun tog deuchainn mùin a thèid a dhèanamh aig an taigh còrr air 9 anns gach 10 cùisean de dh'aillse anns an aotraman. 'S e Oilthigh Bhirmingham a rinn an sgrùdadh an lùib nam mìltean euslainteach aig seachd ospadail ann an Sasainn agus an Alba. Tha dòchas gum bi e a' ciallachadh air a' cheann thall nach bi obair-lannsa a dhìth air uimhir de dhaoine.