Naidheachdan 11:00m
Ioran
Airson a' chiad uair ann am mìos tha Ioran agus na Stàitean Aonaichte air ionnsaighean fheuchainn air a chèile tron oidhche. Thuirt na Stàitean Aonaichte gun robh iadsan air bualadh air dà uidheam a bha an ìmpis mèinnichean-talamhainn fhàgail ann an Caolas Hormuz. A rèir Ioran, dh'fheuch iadsan urchairean mòra air dà ionad le feachd adhair Ameireagaidh ann an Iòrdan. Thuirt meadhanan na stàite ann an Ioran gun robhas cuideachd air ionnsaigh dròn fheuchainn air ionad Ameireaganach anns an UAE. Chaidh an UAE às àicheadh sin, ge-tà, ged a thuirt iad gun do spreadh iad dròn a bha ag amas air an dùthaich.
Lodainn an Iar
Chaidh fear aois 27 a chur an grèim às dèidh bàs neach a bha a' coiseachd air an t-sràid ann an Lodainn an Iar. Bhàsaich fear aois 48 às dèidh do chàr bualadh ann air prìomh shràid Ghleann Iucha tràth sa mhadainn an-dè. Tha dùil gun do theich dràibhear a' chàr bhon làraich. Tha rannsachadh nam poileas a' leantainn.
Corp
Tha na poilis ann an Sheffield air rannsachadh muirt a thòiseachadh às dèidh bàs nighinn a bha air ùr-bhreith. Chaidh an corp a lorg aig taigh ann an sgìre Wincobank de Sheffield ann an Yorkshire. Tha seachdnar air an cur an grèim anns a' chùis.
Biadh
Tha an tuilleadh uallaich ga chur air a' Phrìomh Mhinistear gun ceann phrìs a stèidheachadh air cuid de stuthan bìdh agus deochan mar a chaidh a ghealltainn ann am manifesto an taghaidh aig an SNP. Tha 23 companaidhean a tha an sàs ann an reic a' bhìdh air a thighinn còmhla airson iarraidh air John Swinney gun am poileasaidh seo a chur an gnìomh. Tha dùil ri Prògram Reachdas an Riaghaltais air an t-seachdain seo ag innse dè na laghan ùra a tha fa-near dhaibh. Tha ministearan air gealltainn co-luadar a dhèanamh air na planaichean a dh'aithghearr.
Taighean-beaga poblach
Chaidh fhàgail air Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad a' toirt droch ainm dhan sgìre, leis nach eil taighean-beaga poblach ann an àiteachan far a bheil feum orra. Thuirt BP Inbhir Nis, an Eilein Sgitheanaich is Loch Abar, Aonghas Dòmhnallach, gu bheil taighean-beaga Viewforth anns a' Ghearasdan, a th' air a bhith dùinte fad sia mìosan, gu h-àraid ga uabhasachadh. Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun deach milleadh a dhèanamh iomadach uair, agus milleadh gu sònraichte dona a dhèanamh air taighean-beaga Viewforth, an uair mu dheireadh a chaidh ionnsaigh a thoirt orra. Thuirt iad gu bheil obair ga dhèanamh air na taighean-beaga an-dràsta fhèin, is gu bheil iad an dòchas gum bi iad a' fosgladh a-rithist cho luath 's a ghabhas.