Ceannardan craoladh Gàidhlig a' toirt seachad fianais aig Westminster

Taigh nan CumantanTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Bidh ceannardan aig MG ALBA is BBC ALBA am measg na bheir seachad fianais aig Westminster an-diugh do rannsachadh mu chraoladh na Gàidhlig.

Thòisich an rannsachadh, taobh a-muigh aig Comataidh nan Cùisean Albannach nas tràithe air an t-samhradh.

Tha buill na comataidh a' coimhead "air an àite aig craoladh na Gàidhlig san ath-bheòthachadh ann an cànan is cultar na Gàidhlig", na dùbhlain ionmhais a th' ann, agus "mar as urrainn dhan BhBC taic nas fheàrr a chumail ri craoladh mion-chànan mar a' Ghàidhlig".

Ann an ro-ràdh an rannsachaidh, thathar a' togail air rabhadh bho MG ALBA gu bheil craoladh na Gàidhlig "ann an cunnart mòr aig an àm seo" mar thoradh air dìth maoineachaidh.

Chuala a' chiad sheisean fianais san Iuchar bho cheannardan Bhòrd na Gàidhlig.

Rinn cathraiche a' bhùird, an t-Oll Rob Dunbar, moladh air adhartas nam meadhanan Gàidhlig thairis air na bliadhnaichean is thog e air cho cudromach 's a tha e dhan chànan.

Thuirt an t-Oll Dunbar cuideachd gu bheil e deatamach gum bi barrachd maoineachaidh ann agus barrachd taic san lagh.

Chualas cuideachd bhon Oll Conchúr Ó Giollagáin, a thuirt nach eil maoineachadh gu leòr aig na meadhanan airson a bhith a' coimhead air na duilgheadasan a th' ann an coimhearsnachd na Gàidhlig anns an doimhneachd a tha a dhìth.

Cluinnidh buill na comataidh an toiseach an-diugh bho riochdairean aig S4C is TG4 a thaobh mar a tha na seirbheisean acasan air am maoineachadh is dè na dleasdanasan a th' orra.

Às dèidh sin, thèid ceistean a chur air cathraiche is àrd-oifigear MG ALBA, Iain Moireasdan is Dòmhnall Caimbeul, air Ceannard Sheirbheisean Gàidhlig a' BhBC, Mairead Màiri Mhoireach, is air Luke McCullough, a tha na Stiùiriche 'son Chùisean Corporra aig Nàiseanan is Sgìrean a' BhBC.

Thèid an ceasnachadh mun chead craolaidh aig BBC ALBA agus mar a dh'fhaodadh na dleasdanasan a th' air an t-seirbheis atharrachadh, cho math ri ath-sgrùdadh air Cairt ùr a' BhBC.

Tha MG ALBA tric air iarraidh gum bi barrachd airgid ann airson craoladh sa Ghàidhlig agus gum bi am maoineachadh sin air a chur air bun-stèidh chinnteach, mar a th' aig craoladh sa Chuimris.

Nas tràithe as t-samhradh, thuirt Mgr Moireasdan cuideachd gu bheil gearraidhean aig a' BhBC "a' cur dragh mòr" air MG ALBA.

Thàinig seo às dèidh dhan BhBC innse gun tèid sàbhalaidhean luach £500m a dhèanamh thairis air a' bhuidhinn san ath dhà bhliadhna le dùil gum falbh eadar 1,800 is 2,000 dreuchd.

Tuilleadh mun sgeulachd seo