Cha deach le tairgse Inbhir Nis airson inbhe Cathair-Bhaile a' Chultair 2029

Leanaidh obair nam buidhnean a thug an tairgse chun na h-ìre seo, tha an sgioba ag ràdh
- Air fhoillseachadh
Cha do shoirbhich le iomairt Inbhir Nis agus a' Ghàidhealtachd àite fhaighinn air a' gheàrr-liosta airson tiotal Cathair-Bhaile a' Chultair san Rìoghachd Aonaichte ann an 2029.
'S e Beò! 2029 an aon tairgse Albannach a chaidh ainmeachadh air an liosta-fhada, agus a' chiad turas a-riamh a bha baile agus sgìre nas fharsainge a' feuchainn air an tiotal.
Thuirt stiùiriche na h-iomairt Bryan Beattie gur e briseadh-dùil a bh' ann ach gun lean na buidhnean a bha ag obair còmhla orra le cuid de na molaidhean a thàinig an-àirde tron phròiseas.
"Cha do dh'fhalbh na thug spionnadh dhan tairgse againn," thuirt e.
"'S e àite a th' anns a' Ghàidhealtachd far a bheil cultar beò agus sheall an tairgse againn na tha de thàlant, àrd-amas agus miann ann."
'S iad na bailtean a ràinig an geàrr-liosta Blackpool, Milton Keynes, Sheffield agus Wrexham.
Bidh am baile a shoirbhicheas air ainmeachadh sa Chèitean, agus 's e an còigeamh àite a gheibh an tiotal an dèidh Doire-Londonderry, Hull, Coventry and Bradford.
Inbhir Nis ceum nas fhaisge air tiotal Cathair-Bhaile a' Chultair
- Air fhoillseachadh11 An Lùnastal
Inbhir Nis san rèis airson tiotal Cathair-Bhaile a' Chultair
- Air fhoillseachadh18 Am Màrt
Dh'fhailich air oidhirp Steòrnabhaigh cur airson inbhe Bhaile Chultarail
- Air fhoillseachadh9 An t-Iuchar
Iarraidh sgioba tairgse Inbhir Nis agus na Gàidhealtachd air Roinn a' Chultair, nam Meadhanan agus na Spòrs beachdan a bharrachd a thoirt dhaibh air na molaidhean aca.
Bidh iad ag obair còmhla ri bòrd Gàidhealtachd Chruthachail sna seachdainean a tha romhainn air na h-ath-cheumannan a ghabhas iad.
Tha Neach-gairm Comhairle na Gàidhealtachd Bill Lobbans ag ràdh gun cùm iad orra a' cumail taic ri ro-innleachd nan ealan agus cultair fad-ùineach a dhèanamh airson na sgìre.
Thathar a' taghadh àite diofraichte a h-uile ceithir bliadhna mar Chathair-Bhaile a' Chultair.
Bidh gach baile air a' gheàrr-liosta a-nis a' faighinn co-dhiù £125,000 bhon riaghaltas airson barrachd obrach a dhèanamh air na tairgsean aca.
Gheibh am baile a nì a' chùis air a' cheann thall £10m airson prògram de thachartasan cultarail fad bliadhna stèidhichte air "sgeulachdan agus neartan ionadail".
Bha Steòrnabhagh air tairgse ullachadh airson inbhe Bhaile Chultarail na Rìoghachd Aonaichte 2028, ach cha d' fhuair iad àite air a' gheàrr-liosta.