Dàil eile agus £20m a bharrachd ga chosg air aiseagan ChalMac san Tuirc

- Air fhoillseachadh
Cosgaidh bàtaichean-aiseag ùr ChalMac a tha gan togail san Tuirc £20m a bharrachd na bhathar an dùil.
Tha seo a' tighinn agus dàil eile gan dearbhadh cuideachd.
Thuirt CMAL, buidheann na stàite a th' os cionn fastadh shoithichean do ChalMac, gu bheil dùil a-nis ris an MV Loch Indaal san Dàmhair - ga fàgail 20 mìos air dheireadh.
'S i an dàrna aiseag dha na ceithir a tha gan togail ann an gàrradh-bhàtaichean Cemre.
Tha dùil ris an treas 's an ceathramh soitheach - an MV Lochmor agus an MV Claymore - sa chiad leth de 2027.
Bidh iad sin ann an seirbheis eadar an t-Eilean Sgitheanach is Uibhist a Tuath agus na Hearadh.
Bha còir aig an MV Lochmor a bhith deiseil am-bliadhna.
CMAL air sealbh a ghabhail air aiseagan Ghàrradh Cemre
- Air fhoillseachadh26 An t-Ògmhios
Dàil air aiseagan ùra san Tuirc
- Air fhoillseachadh2 An Dàmhair 2024
Obair gus tòiseachadh air aiseagan ùra
- Air fhoillseachadh3 An Gearran 2023
Dh'innis CMAL san Ògmhìos gun robh iad air sealbh a ghabhail gu h-oifigeil air na trì soithichean a bha fhathast gan togail gus taic a chur ri gàrradh Cemre, aig an robh trioblaidean ionmhais.
Gu ruige seo, 's e aon shoitheach dhan fheadhainn a chaidh iarraidh bhon ghàrradh ann an 2022 agus 2023 a tha deiseil 's ann an seirbheis.
Sin an MV Isle of Islay.
Thòisich an aiseag air slighe Ìle sa Mhàirt, còrr is bliadhna air dheireadh an dèidh màill a bhith air a chur air an obair-togail grunn thursan.

Tha dùil ris an MV Loch Indaal san Dàmhair
Dh'innis ceannard CMAL, Kevin Hobbs, do chomataidh còmhdhail Holyrood gu bheil dùil gun tèid an MV Loch Indaal a thoirt dhan bhuidheann san Dàmhair.
Bidh i an uairsin co-dhiù cola-deug a' seòladh a dh'Alba agus thèid deuchainnean a dhèanamh oirre airson beagan sheachdainean mus tèid a cur ann an seirbheis.
Ann an litir chun a' chomataidh, thuirt Mgr Hobbs gu bheilear an dòchas gun tèid an treas soitheach tro dheuchainnean mara san Tuirc san t-Samhain agus gun tèid a thoirt seachad sa chiad chairteal de 2027.
Tha dùil aca an aiseag mu dheireadh fhaighinn san dàrna cairteal.
Ann an litir eile dhearbh Rùnaire na Còmhdhail, Stephen Flynn, gun tug ministearan cead seachad airson £20m a bharrachd a chosg air cosgaisean stiùiridh-pròiseict CMAL.
'S e £200m a bha na ceithir soithichean còir a chosg uile gu lèir.
Tuilleadh mun sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh31 Am Màrt

- Air fhoillseachadh4 An Cèitean

- Air fhoillseachadh21 An t-Samhain 2024
