Taic do dh'Ùghdarrasan Singilte Eileanach am Prògram an Riaghaltais

Iain SwinneyTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha Riaghaltas na h-Alba a' gluasad a dh'ionnsaigh Ùghdarrasan Singilte Eileanach a stèidheachadh mar phàirt de chrathadh air buidhnean poblach na dùthcha.

Dh'fhoillsich am Prìomh Mhinistear Dimàirt ann am Prògram an Riaghaltais gu bheil iad airson an àireamh de bhùird-shlàinte air tìr-mòr na h-Alba a ghearradh bho 11 gu dìreach 2.

Thuirt Iain Swinney gum fàgadh seo gum faigheadh euslaintich cothrom nas fheàrr air cùram agus gun rachadh neo-ionannachd a lùghdachadh.

Tha e ag ràdh gur e "an t-atharrachadh structarail as cudromaiche san NHS bho chaidh fèin-riaghlaidh a chur an sàs".

Ach tha an riaghaltas a' coimhead ri planaichean fa leth dha na trì bùird-shlàinte eileanach.

Thuirt Mgr Swinney gum feum aithne a thoirt air feumalachdan sònraichte coimhearsnachdan eileanach na h-Alba.

Thuirt e gum biodh sin a' toirt a-steach planaichean airson modail Ùghdarras Singilte a thoirt air adhart.

Ged nach robh mìneachadh aig Mgr Swinney Dimàirt, tha BBC Naidheachdan a' tuigsinn mar sin gum biodh na bùird-shlàinte eileanach air am fighe a-steach gu ùghdarrasan singilte ùra còmhla ris na comhairlean ionadail aca.

Tha Comhairle nan Eilean Siar gu sònraichte air taic làidir a chur ris a' mhodail seo anns na bliadhnaichean mu dheireadh.

A' bruidhinn às dèidh do dh'Iain Swinney Prògram an Riaghaltais fhoillseachadh Dimàirt, thuirt ceannard CnES gur e ceum air adhart a th' ann.

"Tha sinn a' cur fàilte air an naidheachd gu bheil Prògram an Riaghaltais air taic a chur ri Ath-leasachadh ann an Seirbheisean Poblach agus ri Modailean Ùghdarrasan Singilte," thuirt Pòl Steele.

"'S e beachd Comhairle nan Eilean Siar gu bheil ath-leasachadh ann an seirbheisean poblach comasach air fuasglaidhean fhaighinn dha tòrr de na dùbhlain a th' ann a thaobh seirbheisean poblach a thoirt seachad anns na h-Eileanan an Iar.

"Bidh Comhairle nan Eilean Siar a' leantainn oirnn ag obair gu dlùth le Riaghaltas na h-Alba air seo is bidh sinn gu mòr an sàs sa cho-chomhairle a bhios ann".