Bàta speisealta gus sgrùdadh 'son dithis iasgairean agus am bàta far chosta Leòdhais

Douglas Craigie, Murchadh Moireasdan agus Tormod "Tam" MoireachTùs an deilbh, Poileas Alba
  • Air fhoillseachadh

Thèid bàta speisealta a chleachdadh anns an iomairt gus lorg fhaighinn air dithis iasgairean agus am bàt'-iasgaich far chosta a tuath Leòdhais.

Tha iomairt air a bhith a' dol an dèidh mar a chailleadh an Kilda air an 13mh là den Dàmhair.

Cha do thill i gu port nuair a bha dùil ann am fìor dhroch aimsir.

Chaidh corp Douglas Craigie fhaighinn anns a' mhuir an ath-là, ach chan eil sgeul fhathast air dithis eile den chriutha, Tormod "Tam" Moireach, 40, agus Murchadh Moireasdan, aois 23.

Thèid an NLV Pharos, a tha le Bòrd Thaighean-solais a' Chinn a Tuath, a chur dhan sgìre bho Dhihaoine mar phàirt de sgrùdadh Mheur Rannsachaidh nan Tubaistean Mara.

Thuirt na poilis gu bheil an iomairt aca a' leantainn gus lorg fhaighinn air an dithis fhear a tha a dhìth.

"Tha ar smuaintean leis a h-uile duine air a bheil an tubaist uabhasach seo a' toirt buaidh," thuirt a t-Insp Niall Mac an Tàilleir.

"Cumaidh sinn oirnn ag obair le compàirtichean, a' toirt a-steach Meur Rannsachaidh nan Tubaistean Mara, Buidheann na Mara 's nam Maor-Cladaich agus eòlaichean ionadail, agus tha sinn air leth taingeil airson ghoireasan ar compàirtichean a tha gan cur an sàs san iomairt seo."

Cunnart

Chuir na poilis ìmpidh air a' phoball gun sgrùdadh a dhèanamh iad fhèin air an sgìre.

"Dh'iarramaid air daoine gun iad fhèin a chur ann an cunnart," thuirt iad.

"Na feuchaibh ri sgrùdadh a dhèanamh sibh fhèin ann an sgìrean far am faodadh sibh a bhith ann an cunnart."

Dh'iarr teaghlaichean a' chriutha gun toirear spèis dhan cuid prìobhaideachd.

Ma tha fiosrachadh aig duine faodar sin a thoirt dha na poilis air an àireimh-fòna 101, a' toirt seachad na h-àireimh-cùise 3575 den 13mh là den Dàmhair.