An àireamh chloinne ann an sgìrean dùthchail air tuiteam

Baile air taobh thall loch, le beanntan air cùlaibh nan taighean. Tùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha lùgdachadh de thimcheall air 10% air a thighinn air an àireamh chloinne fo aois 16 ann an sgìrean iomallach na h-Alba ann an deich bliadhna.

Sin a-rèir figearan ùra a dh'fhoillsich Clàran Nàiseanta na h-Alba Dimàirt agus iad air sgrùdadh a dhèanamh air na h-àireamhan eadar 2014 agus 2024.

Thathar a' dèanamh sgaradh eadar àitichean a tha fìor iomallah - sin sgìrean dùthchail a tha pìos bho bhailtean nas motha - agus bailtean a tha dùthchail san t-seadh gu bheil astar eadar iad agus cathair-bhailtean no bailtean mòra eile.

Ann an aithisg, taobh a-muigh Tuairmsean Àireamh-sluaigh nan Sgìrean Beaga, fhuaireas gun robh an àireamh chloinne fo 16 bliadhna air tuiteam 9.4% ann an sgìrean iomallach dùthchail.

Chunnaiceas lùghdachadh de 10.4% ann am bailtean iomallach air an dùthaich.

San fharsaingeachd, tha na h-àireamhan a' sealltainn gur e 53 an aois choitcheann ann an sgìrean dùthchail agus 39 ann am bailtean mòra air an dùthaich.

Tuilleadh mun sgeulachd seo