Baileat stailce aig Loganair a' tighinn gun crìch

Itealan Loganair
  • Air fhoillseachadh

Thig baileat stailce am measg luchd-obrach criutha caibin Loganair gu crìch an-diugh agus eas-aonta ann mu phàigheadh.

Tha còrr air 60 neach-obrach an sàs anns a' bhaileat, a tha stèidhichte aig puirt-adhair Inbhir Nis, Obar Dheathain, Dùn Dè, Dùn Èideann, Glaschu, Eilean Mhanainn agus Southampton.

Dh'fhosgail am baileat neo-eisimeileach air an 8mh là den Dàmhair.

Tha am bailteat stèidhichte air aonta pàighidh a dhiùlt buill Unite, agus an t-aonadh ag ràdh gun do chuir Loganair tairgse dheireannach air beulaibh an luchd-obrach mus robh còmhraidhean mun chùis fiù 's air tòiseachadh.

Tha an t-aonadh ag ràdh cuideachd gu bheilear ag iarraidh barrachd is barrachd bhon chriutha caibin, aig àm nuair a tha iad nas mì-chinntich mu na h-obraichean aca.

Tha Unite a' cumail a-mach gu bheil Loganair ann an suidheachadh ionmhais fallain agus gun do rinn a' chompanaidh prothaid de chòrr air £31m, às dèidh chìsean, thairis air na ceithir bliadhna mu dheireadh.

Thuirt Loganair gun do rinn iad tairgse nas fheàrr san t-Sultain, a bheireadh cinnt do luchd-obrach thairis air dà bhliadhna.

Tha a' chompanaidh ag ràdh gu bheil cosgaisean connaidh air a dhol suas agus iarrtas bho luchd-siubhail air tuiteam, agus gu bheil sin a' cur cuideam orra.

Chan eil fhios aig an ìre seo cuin a thèid buil a' bhaileit fhoillseachadh.