Deasbad Nàiseanta nan Àrd-Sgoiltean ann an Steòrnabhagh an ath-sheachdain

- Air fhoillseachadh
Chaidh a dhearbhadh gun till Deasbad Nàiseanta nan Àrd-Sgoiltean gu Steòrnabhagh an ath-sheachdain.
Bha ceist ann na bu thràithe den bhliadhna co-dhiù dheadh an tachartas air adhart am-bliadhna le teagamh mu mhaoineachadh.
Ach dhearbh Comhairle nan Eilean Siar na bu thràithe den Dàmhair gum biodh e a' dol air adhart a dh'aindeoin sin.
Thèid a' chiad dà chuairt a chumail aig An Lanntair, agus an tachartas fosgailte don phoball a bhith an làthair.
Tòisichidh a' chiad chuairt Dimàirt an 3mh là den t-Samhain aig 12:30f.
Bidh an dàrna cuairt a' leantainn Diciadain an 4mh là den t-Samhain, a-rithist aig An Lanntair eadar 10:30m is 1:00f agus eadar 2:30f is 5:00f.
Thèid na ceithir sgiobaidhean leis na comharran as àirde air adhart chun nan iar-chuairtean deireannach a thèid a chumail ann an Dùn Èideann Diciadain an 25mh agus Diardaoin an 26mh là den t-Samhain.
'S iad britheamhan na bliadhna seo Catriona Mhoireach, Ruairidh Rothach agus Tormod MacLeòid.
Bidh Deasbad nan Sgoiltean 2026 ann a dh'aindeoin ceist mu mhaoineachadh
- Air fhoillseachadh8 An Dàmhair
Deasbad nan Sgoiltean ann an cunnart
- Air fhoillseachadh16 An t-Ògmhios
"Tha sinn air leth toilichte a bhith air ais còmhla a' cur Deasbad 2026 air dòigh," thuirt Cathraiche Comataidh Stiùiridh an Deasbaid Nàiseanta, Evelyn Coull NicLeòid.
"Bu mhath leinn gu sònraichte taing a thoirt do Spiorad na Mara airson an taic a thug iad seachad gus an fharpais a chumail.
"Tha maoineachadh a bharrachd air a thoirt seachad le Riaghaltas na h-Alba, Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle na Gàidhealtachd, Leasachadh Sgilean na h-Alba, Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig, Comhairle Baile Dhùn Èideann, Urras Steòrnabhaigh, Urras MhicAmhlaigh, Urras Brosnachaidh na Gàidhlig, Comhairle Baile Ghlaschu agus Bòrd na Gàidhlig."