Seann Eaglais Ratharsair leis a' choimhearsnachd

Taobh a-staigh na seann eaglaiseTùs an deilbh, DONALD MORRISON
  • Air fhoillseachadh

Tha Comann Reic Coimhearsnachd Ratharsair air sealbh fhaighinn air Eaglais Shaor Chlèireach an eilein agus iad an dùil bùth coimhearsnachd ùr a stèidheachadh innte.

Tha iad cuideachd an dòchas gum bi oifis puist agus cafaidh san togalach.

Chaidh an eaglais a dhùnadh as t-Samhradh an-uiridh, 's e air a bhith fosgailte bho 1929.

Aig coinneimh san Ògmhìos chuir mòr-chuid den choimhearsnachd beachd an cèill gum bu chòir an togalach a cheannach.

'S iad Comann Reic Coimhearsnachd Ratharsair (CORRA) a tha a' ruith bùth an eilein an-dràsta, agus tha iad a' faighinn taic bho Oifigear Leasachaidh Urras Leasachaidh Ratharsair.

Tha a' bhuidheann air soirbheachadh ann a bhith a' faighinn maoineachaidh airson an eaglais a cheannach, agus ghabh iad sealbh air Dimàirt.

"Tha fhios aig a' mhòr-chuid gu bheil a' bhùth ro bheag," thuirt Chriosaidh NicGill'Ìosa, a tha a' fuireach ann an Ratharsair.

"Tha e doirbh fhaighinn a-steach air sgàth 's gu bheil staidhre ann.

"Bha fios againn gun robh sinn feumach air rudeigin eile," thuirt i.

Seann Eaglais Shaor Chlèireach RatharsairTùs an deilbh, EUAN NELSON/GEOGRAPH

Anns an eilean san deach an Eaglais Shaor Chlèireach a chur air bhonn an toiseach, is coltach nach eil iarrtas mòr sam bith air an eaglais mar àite-adhraidh tuilleadh.

"Cha robh ach beagan dhaoine a' dol ann agus bha e cho cosgail an eaglais a chumail a' dol.

"Tha eaglaisean eile anns an eilean, so bidh daoine a' dol dha na h-eaglaisean sin."

Tha suidheachadh na seann eaglaise gu math feumail dhan amas a th' aig a' choimhearsnachd air a son a-niste, a rèir Chriosaidh.

"'S e goireas sgoinneil, feumail a th' ann airson na coimhearsnachd agus bha sinn airson a cumail anns a' choimhearsnachd."

Tha obair mhòr air thoiseach airson an togalach a leasachadh mar a tha san amharc.