Sgoiltean nan Eilean Siar dùinte Dimàirt is dùil ris an tuilleadh droch shìde

Tuinn mhòra a' bualadh air cidheTùs an deilbh, Rossi/BBC Weather Watchers
  • Air fhoillseachadh

Bidh gach sgoil is sgoil-àraich anns na h-Eileanan an Iar dùinte Dimàirt is dùil ris an tuilleadh droch shìde.

Thàinig dearbhadh bho Chomhairle nan Eilean Siar is rabhadh buidhe, taobh a-muigh 'son gaoithe ann airson cheann a tuath na h-Alba eadar 03:00m Dimàirt is 9f.

Tha rabhadh fa leth, taobh a-muigh 'son gaoithe a tha a' toirt a-steach Cinn Tìre a' tighinn a-steach bho 6f Diluain.

Dh'innis a' chompanaidh Loch Motors nach bi gin de na seirbheisean acasan a' ruith madainn Dimàirt.

Thuirt iad gun dèan iad measadh às ùr air a' cho-dhùnadh sin mu mheadhan na maidne. Thabhainn a' chompanaidh leisgeul air luchd-cleachdaidh air an toir seo buaidh.

Tha buaidh Stoirm Boelo a bh' ann thairis air an deireadh-sheachdain fhathast a' leantainn le mòran dhachannan fhathast às aonais an dealain.

Bha a' ghaoth an cois Stoirm Boelo cho làidir ri còrr is 80 mìle san uair ann an cuid de na sgìrean, a' toirt a-steach Leòdhas, Uibhist a Deas, agus Tiriodh.

Thuirt SSEN gu bheil timcheall air 29,000 dachaigh gun chumhachd ann an sgìrean mu thuath agus mun iar a tha a' faighinn dealain bhuapa.

Tha na mìltean eile às aonais cuideachd ann an sgìre Scottish Power.

Tha SSEN air rabhadh a thoirt seachad gur dòcha nach fhaigh cuid de dhachannan an cumhachd air ais gu oidhche Chiadain.

Tuinn sa mhuir a-mach bho dà thaigh air a' chosta ann an Loch an InbhirTùs an deilbh, BBC WEATHER WATCHERS/GARRY_LOCHINVER
Fo-thiotal an deilbh,

A' mhuir faisg air Loch an Inbhir Là na Sàbaid

San Eilean Sgitheanach tha Uisge na h-Alba air a bhith ag obair gus trioblaid a chur ceart an dèidh mar a chaidh adhar a ghlacadh ann am pìoban ri linn call an dealain tron stoirm.

Thug seo buaidh air dachannan ann an còd-puist IV51 timcheall air Port Rìgh is dhùin Àrd-sgoil Phort Rìgh aig meadhan-là.

Thuirt Uisge na h-Alba gu bheil dùil gum bi cùisean air ais dhan àbhaist ro dheireadh an là Diluain, agus tha botalan uisge rim faighinn san eadar-ama aig Eaglais Mhisein Àrnasoirt, raon-parcaidh na Seanna Bhùtha anns an Aodann Bhàn, Ionad-iomlaid nam Fònaichean ann an Tobhta, agus Eaglais Cheann Sàil Aoighre.

Aig a' cheart àm tha Buidheann Dìon na h-Àrainneachd (SEPA) a' toirt rabhaidh gum faodadh tuiltean a bhith ann sa Bhaile Shear ann an Uibhist a Tuath, agus eadar Loch a' Chàrnain agus an t-Àird Mhòr ann an Uibhist a Deas leis an làn-àrd gu bhith ann mu 6:30f Diluain, agus a-rithist mu 07:00m Dimàirt.

Muir mhòr le tuinn làidir ann an UibhistTùs an deilbh, BBC WEATHER WATCHERS/RHONA_SKIVS
Fo-thiotal an deilbh,

A' mhuir a-muigh bho Scolpaig Là na Sàbaid

Rinn Stoirm Boelo sgrios air feadh Alba, ag adhbhrachadh thuiltean agus a' toirt buaidh mhòir air seirbheisean còmhdhail.

Bhàsaich neach ann an Caisteal Dhùghlais an Dun Phrìs is Gall-Ghàidhealaibh nuair a chaidh a bhualadh le craobh a thuit ri linn na gaoithe.

Chuidich na seirbheisean-èiginn aig dachaigh-cùraim ann an Saltcoats oidhche na Sàbaid às dèidh do thuiltean an dachaigh a chur ann an cunnart.

Bha a' chuid as motha de sheirbheisean-rèile gu Inbhir Nis gan cur dheth air an deireadh sheachdain.

Ged a tha cùisean a-nise a' tilleadh chun na h-àbhaist, thàinig rabhadh bho ScotRail gum faodadh gun toir an tuilleadh droch shìde ris a bheil dùil buaidh.

Tha buaidh a' leantainn air lìonra ChalMac cuideachd agus gheibhear am fiosrachadh as ùire air làrach na companaidh, taobh a-muigh.

Bha Bun-sgoiltean agus Sgoiltean-àraich na Comraich, Drochaid Bhanna, agus Tom na Croiche am measg na tha dùinte ann an sgìre na Gàidhealtachd, taobh a-muigh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo