Eaglais Shaor Chlèireach Ratharsair ga dùnadh

Eaglais Shaor Chlèireach Ratharsair, ann an ceann a deas an eilein
- Air fhoillseachadh
Tha an Eaglais Shaor Chlèireach air co-dhùnadh nach cum iad seirbheisean ann an Ratharsair - coithional aig an robh pàirt cudromach ann an stèidheachadh na h-eaglaise ann an 1893 - tuilleadh.
'S i an Eaglais Shaor Chlèireach a' phrìomh eaglais a bh' ann an Ratharsair tron 20mh Linn.
Ach leis an àireamh a bha a' frithealadh na h-eaglaise gu cunbhalach air tuiteam uaireannan gu dithis no triùir, chaidh co-dhùnadh seirbheisean a stad.
Thuirt Rodaidh Caimbeul, a tha na èildear san eaglais, gur e call mòr a th' ann.
"Chaidh mo thogail an sin 's bha sinn a' frithealadh na h-eaglaise gu cunbhalach," thuirt e.
"Chìtheadh tu na ceudan, gu litireil, ga frithealadh 's dòcha mu àm Fèill Ghlaschu nuair a thigeadh mòran dhaoine dhachaigh air saor-làithean.
"Ach chrìon e.
"Bha na daoine òga a' fàgail, gu lèòr aca airson obair fhaighinn.
"Tha beagan obrach 's fastadh a' tilleadh a-niste ann an Ratharsair, ach 's e ginealach eadar-dhealaichte a th' ann 's cha robh iad a' frithealadh na h-eaglaise dha-rìribh.
"B' e co-dhùnadh air leth doirbh a dhèanamh a bh' ann, ach co-dhiù rinneadh an co-dhùnadh, agus feumaidh sinn gabhail ris.
"Tha àiteachan ann far a bheil an eaglais a' cumail a' dol, ach ann an Ratharsair, far an do thòisich an eaglais dha-rìribh, a bhith ga faicinn ga dùnadh, tha sin brònach dha-rìribh," thuirt e.
Ciamar a chaidh an Eaglais Shaor Chlèireach a stèidheachadh ann an Ratharsair ge-tà?
Thachair e faisg air deireadh na 19mh Linne - linn a bh' air buaireadh mòr fhaicinn san eilean, 's mòran bhailtean air am fuadach chun na h-ìre 's nach robh duine de mhuinntir an eilein le fearann deas air gàrradh cloiche sa cheann a tuath, agus aig an t-sluagh ri beò-shlaint a dhèanamh à fearann creagach a' cheàrnaidh sin den eilean, agus ann an Eilean Rònaigh, Eilean Tighe, agus Eilean Fladaigh.
Cha robh còir aig na croitearan fiù 's geug a sgathadh far craoibhe nam feumadh iad a leithid airson uidheam a dhèanamh no a chàradh.
Bha iad beò air an iasgach, toradh nan croitean beaga aca, agus airgead sam bith a ghabhadh cosnadh far an eilein.

Seo agus fearann math torach nan sinnsearan aca sa cheann a deas fo chasan chaorach.
Bha fear de dh'fhactairean an eilein, Rainy, air an sluagh fhuadach à 14 bailtean ann an Ratharsair - fear a tha a' faighinn iomradh ann am bàrdachd Shomhairle MhicGill-Èain, a bhuineadh do Ratharsair.
Bha Rainy na uncail don Dr Rainy, a chuir air adhart gluasad aig Àrd-Sheanadh na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann ann an 1891, ag iarraidh dealachadh bho Aidmheil Creidimh Westminster.
Bha an Dr Rainy an dòchas, le bhith a' dèanamh seo, buidheann nas motha a chruthachadh le bhith ag amaladh na h-Eaglaise Saoire ris an Eaglais Chlèirich Aonaichte.
Chaidh gabhail ris an Declaratory Act a bha seo - rud a dh'fhàg cuid san Eaglais Shaoir gu math an-fhoiseil.
B' e fear dhiubh sin an t-Urr. Dòmhnall MacPhàrlain, ann an Cill Mhàilidh ann an Loch Abar.
Chuir esan na aghaidh, ach dh'fhuirich e san eaglais agus càch a bh' air an aon ràmh ris dòchasach gum faigheadh iad cuidhteas an achd aig an Àrd-Sheanadh ann an 1893.
Ann an Earrach na bliadhna sin, fhuair an t-Urr. MacPhàrlain gairm bho choithional Ratharsair, ris an do ghabh e.
Nuair a chaidh a stèidheachadh an Ratharsair air an 20mh là den Ghiblean 1893, thuirt e gu soilleir nach robh e a' gabhail ris a' ghairm fon Declaratory Act ann an seadh sam bith.
Nuair a bha e soilleir nach deadh cur às don achd aig Àrd-Sheanadh na bliadhna sin, chuir an t-Urr. MacPhàrlain gearain air adhart, agus dhealaich e bhon Eaglais Shaoir, a' toirt a' mhòr-chuid de choithionail Ratharsair leis.
Aig a' chomannachadh ann an Ratharsair air an dàrna Sàbaid san Ògmhios, mhìnich e a sheasamh don 2,000 duine (a rèir aithris ann am pàipear-naidheachd aig an àm) a bha an làthair - eadar muinntir a' choithionail fhèin agus feadhainn a bha a' tadhal - agus dh'iarr e air a h-uile duine a bha leis a dhol air an casan.
Cha robh air fhàgail nan suidhe ach sianar.

Bha aig an t-sluagh uile aig aon àm fuireach air talamh chreagach a' chinn a tuath