Cead do smachd air màl ghoirid air Ghàidhealtachd

Taighean an cois a' chladaich anns an DòrnaidhTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Bheireadh na sgìrean a-steach sgrìoban mòra de cheann a tuath agus taobh siar na Gàidhealtachd, ach chan e a h-uile sgìre mun ear

  • Air fhoillseachadh

Thug ministearan na h-Alba cead do dhà sgìre smachdachaidh air màl ghoirid air Ghàidhealtachd.

Mhol Comhairle na Gàidhealtachd an dà sgìre a chur an sàs - tè airson baile Inbhir Nis, agus tèile gu math nas fharsainne a' toirt a-steach a' chòrr den sgìre ach Gallaibh, taobh sear Rois (ach a-mhàin Srath Pheofhair), an t-Eilean Dubh is Siorrachd Inbhir Narann.

Tha dragh air a bhith ann o chionn ùine mu na tha de thaighean gan leigeil a-mach do luchd-turais air màl ghoirid air leithid Airbnb seach gan cleachdadh mar dhachannan do dhaoine a tha a' fuireach ann an coimhearsnachdan gach cuid dùthchail agus bailteil aig tuath.

Rinn Comhairle na Gàidhealtachd sgeama pìleat an toiseach ann am Bàideanach agus Srath Spè bho 2024.

Fon sgeama feumar cead airson àite-fuirich nach eil an-dràsta ga leigeil a-mach air màl ghoirid a chleachdadh mar sin.

Cha toir e buaidh air gnothachasan a tha clàraichte mar thà.

Thuirt a' chomhairle an-uiridh gu bheil coltas ann gu bheil sgeama Bhàideanach a' soirbheachadh agus gu bheil barrachd thaighean rim faotainn san sgìre, ged a tha buidhnean mar Chomann Luchd-Fèin-Fhrithealaidh na h-Alba air ceistean a thogail mun sin.

Dh'aontaich comhairlichean air a' mhìos seo chaidh beachd iarraidh air ministearan na h-Alba airson an dà sgìre smachdachaidh a stèidheachadh, is cead a-nise air a thoirt seachad.

An dèidh do mhinistearan na h-Alba cead fhoillseachadh dhan phlana, rinn Comhairle na Gàidhealtachd soilleir gum feum co-dhùnadh gluasad air adhart tighinn bho bhuill Comataidh na h-Eaconomaidh 's a' Bhun-structair, a' rèir a' phròiseas aontaichte aca.

"Tha an dà litir ag ràdh: "Mus stèidhichear an Sgìre Smachachaidh air Màl Ghoirid, feumaidh an t-ùghdarras dealbhachaidh fios fhoillseachadh air na h-inbhean a rèir Riaghailt 9 de Riaghailtean nan Sgìrean Smachdachaidh air Màl Ghoirid 2021," thuirt an Comh Ken Gowans.

"Feumaidh co-dhùnadh sam bith co-dhiù thèid am fios sin fhoillseachadh a bhith air a dhèanamh le buill Comataidh na h-Eaconomaidh agus a' Bhun-structair a rèir pròiseas aontaichte na Comhairle."

Thuirt an Comh Gowans gun tèid a' cheist sin gu dìreach a chur air beulaibh na comataidh sin.

Briseadh-dùil

Tha an naidheachd na briseadh-dùil do Chomann Luchd-Fèin-Fhrithealaidh na h-Alba, a th' air a bhith ag iomairt an aghaidh sgìrean smachdachaidh.

"'S e briseadh-dùil a th' ann dhuinn gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd air putadh air adhart leis na molaidhean seo a tha gun fhianais sam bith air an cùlaibh a dh'aindeoin an iomadh rabhaidh a fhuair iad," thuirt àrd-Stiùiriche a' chomuinn, Fiona Chaimbeul MBE.

"Beachaichidh sinne a-niste air an fhreagairt a bhios againn, a' toirt a-steach a h-uile roghainn a tha air ar beulaibh."