Binn air èigniche à Steòrnabhagh

An Àrd-Chùirt ann an GlaschuTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh binn air Gate aig an Àrd-Chùirt ann an Glaschu

  • Air fhoillseachadh

Chaidh seachd bliadhna prìosain gu leth air fear à Steòrnabhagh a dh'èignich boireannach a bha na cadal.

Bha Graeme Gate, 35, dìreach air coinneachadh ris a' bhoireannach nuair a thug e ionnsaigh oirre aig taigh ann an Inbhir Nis anns an Lùnastal 2025.

Bha e air a chiont aideachadh air a' mhìos a chaidh, rud a dh'fhàg gun robh a bhinn air a lùghdachadh bho 10 bliadhna.

Chaidh a dhìteadh air casaidean eile grunn tursan roimhe.

Chuala a' chùirt mar a chaidh Gate agus am boireannach a-mach a dh'òl ann an Inbhir Nis le caraidean, agus gun robh an dithis leotha fhèin nuair a thill iad dhan taigh.

Thuit am boireannach na cadal air an t-sòfa agus dhùisg i tron ionnsaigh.

"Buaidh mhillteach, mhaireannach"

Dhùisg sin fireannach a bha a' fuireach san taigh 's nach deach a-mach leotha agus chunnaic e Gate agus coltas an iongnaidh air aodann 's e a' cumail a-mach nach do rinn e càil.

Dh'innis am britheamh, am Morair Arthurson, dha: "B' e eucoir sheilgeach de dh'fhòirneart fheiseil air boireannach òg so-leònta nach b' aithne idir dhut.

"Tha mi air brath a sgrìobh am boireannach a leughadh, a tha gu math pongail agus a' cur an cèill fìor dhroch thròma na dh'fhiosraich i.

"Thug na rinn thu buaidh mhillteach, mhaireannach oirre."

Chuala a' chùirt cuideachd gun robh Gate roimhe air a dhol às àicheadh gun do bhean e dhan bhoireannach nuair a chuir i fios air air na meadhanan sòisealta.

Chaidh Gate cuideachd a chur air clàr nan drabastairean, agus tha casg air a bhith a' dol faisg air a' bhoireannach, leis an dà pheanas gun cheann-ùine.