Rabhadh mu "mhilleadh" mura faigh craoladh Gàidhlig cinnt air airgead is inbhe

Tha prògraman mar Somhairle Spins am measg na tha air soirbheachadh air BBC ALBA anns na mìosan mu dheireadh
- Air fhoillseachadh
Thuirt cathraiche MG ALBA gum biodh e "fìor mhillteach" do chraoladh na Gàidhlig is cor a' chànain san fharsaingeachd mura tig maoineachadh is inbhe reachdail nas seasmhaiche à Cairt ùr a' BhBC.
Thuirt Iain Moireasdan gur e craoladh còmhla ri foghlam Gàidhlig as motha a tha air fàgail gu bheil àireamhan de luchd-labhairt a' chànain air fàs anns na bliadhnaichean mu dheireadh, is gu bheil e deatamach gun tèid a dhìon.
Bha Mgr Moireasdan am measg cheannardan craoladh Gàidhlig a bha a' toirt seachad fianais do Chomataidh nan Cùisean Albannach Diciadain.
Chuala a' chomataidh cuideachd rabhadh bho Stiùiriche 'son Chùisean Corporra aig Nàiseanan is Sgìrean aig a' BhBC.
Thuirt Luke McCullough gu bheil a' bhuidheann a' cur taic làidir ri is gu bheil spèis mhòr aca don Ghàidhlig, ach gu bheil am BBC san fharsaingeachd an-dràsta ann an suidheachadh ionmhais gu math dùbhlanach a tha a' toirt buaidh air seirbheisean.
"Dìlleachdan"
Thòisich Comataidh nan Cùisean Albannach rannsachadh nas tràithe as t-samhradh air na dùbhlain a tha mu choinneamh craoladh na Gàidhlig is mar a ghabhas taic a chumail ris.
Ghabh iad fianais Diciadain bho cheannardan craolaidh às a' Chuimrigh is à Èirinn, a thuilleadh air àrd-riochdairean craoladh na Gàidhlig.
Tha Iain Moireasdan is MG ALBA tric air iarraidh gum biodh inbhe aig craoladh na Gàidhlig co-ionnan ris a' Chuimris.
Thog e sin às ùr aig a' chomataidh, ged a dh'aidich e nach robhar a' sùileachadh an aon bhuidseat 's a tha aig Cuimris.
Ach bha rabhadh làidir aige nach eil maoineachadh craoladh na Gàidhlig mar a tha e idir seasmhach.
"Dragh mòr" air MG ALBA mu ghearraidhean aig a' BhBC
- Air fhoillseachadh23 An t-Ògmhios
Dìth airgid a' fàgail nach eil staing na Gàidhlig ga sgrùdadh an doimhneachd sna meadhanan?
- Air fhoillseachadh2 An t-Iuchar
Duais Eòrpach dha Somhairle Spins
- Air fhoillseachadh22 An Cèitean
Dh'innis e gun robh an t-airgead a bha MG ALBA a' faighinn bho Riaghaltas na h-Alba reòite aig £13.4m fad mòran bhliadhnaichean.
Ged a thàinig àrdachadh £2m ann an 2025, thuirt Mgr Moireasdan gu bheil feum air co-dhiù £15m a bharrachd agus gum bi cinnt air dè na suimean a tha a' tighinn.
Thog e air mì-chinnt mu cò air a bheil dleasdanas airson craoladh na Gàidhlig is e ag ràdh gum feum sin atharrachadh.
"Tha sinn coltach ri dìlleachdan craoladh Bhreatainn", thuirt Mgr Moireasdan ris a' chomataidh.
"Tha gaol aig a h-uile duine oirnn, chaidh ar stèidheachadh le Westminster, tha sinn air ar riaghladh le Ofcom, tha càirdeas luachmhor againn ris a' BhBC, is tha sinn air ar maoineachadh le Ministearan na h-Alba.
"Tha sinn dòigh air choireigin a' tuiteam eadar na stùil is 's e tha a dhìth oirnn ach cuideigin a ghabhas smachd air far a bheil sinn a' dol, is a nì cinnteach gum faigh sinn maoineachadh is inbhe sheasmhach."
Iain Moireasdan a' bruidhinn aig Comataidh nan Cùisean Albannach Diciadain
Le Cairt Ùr a' BhBC a' tighinn a-steach ann an 2028, thuirt Mgr Moireasdan gur e dòigh air leth cudromach a tha sin gnothaichean a neartachadh.
Chuir Kirsteen Sullivan BP ceist air a thaobh dè a' bhuaidh a bhiodh ann mura tigeadh maoineachadh is inbhe reachdail nas seasmhaiche às a' Chairt.
"Feumaidh mi a ràdh gum biodh e fìor mhillteach dhuinn," fhreagair Mgr Moireasdan.
"Chan ann mu dheidhinn MG ALBA no BBC ALBA a tha seo ach mun chànan san fharsaingeachd, agus mu na daoine òga a tha a-nise ga bruidhinn.
"Chan e dìreach seanail telebhisein a th' annainn a-nise is tha sinn ag obair thairis air diofar ùrlaran, ach cha d' fhuair sinn airgead sam bith 'son gluasad gu seirbheisean didseatach.
"Nan leanadh sinn bhiodh sinn ann am fìor dhroch àite agus bhiodh cuideachd an cànan oir 's e BBC ALBA an t-àite as nochdte san t-saoghal a thaobh na Gàidhlig.
"Daoine òga a tha a' fàs suas le Gàidhlig is a tha a' coimhead spòrs, ceòl is dràma sa chànan aca - càite an rachadh iad? Chan urrainn dhuinn leantainn mar a tha sinn."

Chaidh togail grunn thursan aig Westminster Diciadain mu cho soirbheachail 's a bha An t-Eilean is mar a sheall e na tàlantan ann an craoladh na Gàidhlig
Rinn na riochdairean bho MG ALBA is BBC ALBA le chèile moladh air mar a tha a' cho-bhanntachd eatorra ag obair.
Thog Luke McCullough bhon BhBC air mar tha an t-airgead a tha am BBC a' cur ri BBC ALBA air fàs thar nam bliadhnaichean bho thòisich an t-sianal bho £4m gu £10m.
Tha sin a bharrachd air an t-airgead a bhios am BBC a' cur ri seirbhisean Gàidhlig air radio is air-loidhne, thuirt e.
Thuirt Ceannard Sheirbheisean Gàidhlig a' BhBC, Mairead Màiri Mhoireach, gur e "uinneag is doras dha cànan is cultar na Gàidhlig" a tha sa BhBC.
Bhruidhinn i mu cho soirbheachail 's a bha Geamaichean a' Cho-fhlaitheis air BBC ALBA is mar a tha fàs a' tighinn air seirbheisean didsiteach le iomradh aice air BBC Naidheachdan air Instagram.
Ach ged a thuirt Mgr McCullough gu bheil am BBC a' cur an làn taic ri craoladh na Gàidhlig, mhìnich e gu bheil am BBC san fharsaingeachd fo uallach mòr ionmhais an-dràsta.
Ceannardan craoladh Gàidhlig a' toirt seachad fianais aig Westminster
- Air fhoillseachadhBho chionn 12 uair
MG ALBA: "Cothrom" an lùib Cairt ùr a' BhBC don Ghàidhlig
- Air fhoillseachadh2 Am Màrt
Duaisean 'son an An t-Eilean a' toirt "togail is misneachd" dhan Ghàidhlig
- Air fhoillseachadh23 An Cèitean 2025
Mhìnich e gu bheil lùghdachadh san àireamh dhaoine a tha a' ceannach Cead TBh air buaidh mhòr a thoirt.
"Chan eil dìon ga chur air dad sam bith aig BBC Scotland an-dràsta.
"Chan eil sinn an dùil gum bi atharrachadh mòr sam bith san airgead a tha sinn a' cosg air BBC ALBA sa bhliadhna ionmhais seo ach tha buidseat BBC Scotland fo chuideam.
"Tha BBC Scotland an-dràsta a' feuchainn ri £10m a shàbhaladh - sin co-ionnan ris an t-suim a tha sinn a' cosg air BBC ALBA."
Tha dleasdanas air a' BhBC fon chairt a th' ann taic a chur ri craoladh na Gàidhlig.
Thuirt Mgr McCullough ge-tà, gu bheil seirbheisean air feadh a' BhBC fo ìmpidh.
"Tha am BBC san 15 bliadhna mu dheireadh air an t-airgead a tha sinn a' cosg air a' Ghàidhlig àrdachadh nuair a bha lùghdachadh anns na tha a' tighinn thugainn bhon Chead TBh, oir tha fios againn cho cudromach 's a tha e gu bheil am BBC ann gus taic a chumail ri luchd-labhairt mìon-chànan.
"Cha bhiodh am BBC airson gluasad air falbh às a sin ach feumaidh mi a dhèanamh follaiseach cho doirbh 's a tha cùisean an-dràsta is tha buaidh mhòr air seirbheisean sa Bheurla.
"Le nas lugha de dh'airgead, cha bhi e comasach dhuinn na h-uidhir a dhèanamh".
Tha dùil ri aithisg bho Chomataidh nan Cùisean Albannach ro dheireadh na bliadhna.