Rabhadh ùr mu ghèiltean am meadhan is ceann a tuath na h-Alba

Tuinn a' bualadh air Rathad a' Bhràighe ann an LeòdhasTùs an deilbh, Comhairle nan Eilean Siar
Fo-thiotal an deilbh,

Tuinn a' bualadh air Rathad a' Bhràighe ann an Leòdhas

  • Air fhoillseachadh

Tha rabhadh buidhe, taobh a-muigh an sàs bho Oifis na Sìde mu mheadhan is ceann a tuath na h-Alba is gaoth làidir a' toirt buaidh.

Tha dùil ri oiteagan nas làidire na 70msu san iar-thuath tron là.

Tha seo a' tighinn agus an obair-glanaidh às dèidh Stoirm Boelo a' leantainn.

Tha feadhainn a tha fhathast gun an dealan fhaighinn air ais bhon deireadh-sheachdain - agus fiosrachadh aig a' chompanaidh SSEN ag ràdh gu bheil e air dhol dheth as ùr dha feadhainn ann an Uibhist a Tuath agus anns na Hearadh Dimàirt.

Tha Comhairle nan Eilean Siar air innse gum bi sgoiltean na sgìre uile dùinte Dimàirt, agus i sin am measg nan àitichean far a bheil dùil ris a' chuid as mìosa den t-sìde.

Cabhsair a' Bhaile Shear ann an Uibhist a TuathTùs an deilbh, Comhairle nan Eilean Siar
Fo-thiotal an deilbh,

An droch shìde a' toirt buaidh air Cabhsair a' Bhaile Shear ann an Uibhist a Tuath

Tha an t-ùghdarras ionadail cuideachd ag ràdh gun tèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air uairean obrach 'son cùram san dachaigh 'son 's gun tèid aca air an t-seirbheis a thoirt seachad gu sàbhailte.

Tha buaidh air cuid de sgoiltean ann an sgìre Comhairle na Gàidhealtachd cuideachd, nam measg tha gach sgoil ann am Port Rìgh dùinte.

Gheibhear am fiosrachadh as ùire mu sgoiltean air a' Ghàidhealtachd an seo, taobh a-muigh.

Tha buidheann na h-àrainneachd SEPA air sreath de rabhaidhean, taobh a-muigh mu thuiltean a sgaoileadh cuideachd.

Tha an droch shìde a' toirt buaidh air seirbheisean còmhdhail, le mòran de sheirbhisean aiseig ChalMac, taobh a-muigh air an cur dheth mar-tha.

Tha ScotRail cuideachd air rabhadh a thoirt seachad mun bhuaidh a dh'fhaodadh i toirt air na seirbheisean aca.

Thuirt Stiùiriche Sheirbheisean aig ScotRail, Mark Ilderton, gu bheil iad ag iarraidh air luchd-siubhail coimhead air na tursan air fad aca.

Tha buaidh cuideachd air grunn rathaidean.

Tha seo a' tighinn às dèidh na droch-shìde a bh' ann air an deireadh-sheachdain agus oidhirp a' dol fhathast gus cumhachd an dealain a thilleadh gu cuid air an tug Stoirm Boelo buaidh.

Thurit SSEN gun deach an dealan a thilleadh gu còrr air 100,000 neach às dèidh na stoirm sin, ach tha cuid às aonais a-rithist madainn Dimàirt.

Thig an rabhadh buidhe a tha an-dràsta ansàs bho Oifis na Sìde gu crìoch aig 9:00 oidhche Mhàirt.