Dìon ga shireadh do sheirbheisean puist dùthchail

Oifis Puist
  • Air fhoillseachadh

Tha BP Gàidhealach air sgrìobhadh gu Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte is Riaghaltas na h-Alba is e ag ràdh gu bheil feum air plana ùr gus seirbheisean puist ann an sgìrean dùthchail a dhìon.

Thuirt Drew Hendry gu bheil coimhearsnachdan air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean air fulang is iad air seirbheisean puist a chall is gu bheil cunnart ann gun dùin barrachd oifisean.

Dh'innis e gu bheil seo air fìor dhroch bhuaidh a thoirt air gnothachasan agus air seann daoine is ciorramaich gu seachd àraid.

Dh'iarr e gun tèid siostam maoineachaidh Oifis a' Phuist atharrachadh gus am bi cinnt aig an fheadhainn a tha a' ruith oifisean ann an sgìrean dùthchail gun urrainn dhaibh beòshlaint a dhèanamh.

Dìon sònraichte

Tha Mgr Hendry ag ràdh gum bu chòir dha na riaghaltasan dìon sònraichte a chur san aon dòigh air seirbheisean bancaireachd is bann-leathainn ann an sgìrean dùthchail.

Thuirt e nach urrainn do choimhearsnachdan soirbheachadh às aonais sheirbheisean bunaiteach.

Dh'innis Oifis a' Phuist gu bheil iad ag aithneachadh gu bheil cùisean doirbh dhan a h-uile duine a tha a' ruith oifisean puist, feadhainn ann an sgìrean dùthchail nam measg.

Thuirt iad gu bheil iad a' toirt seachad barrachd taice is gun deach an t-airgead a tha iad a' cosg air maighstirean suas £26m 'son na bliadhna-ionmhais 2023/24.