Riaghailtean tadhail aig Ospadal Uibhist is Bharraigh ri linn COVID-19

Bacteria COVID-19Tùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Chaidh riaghailtean sònraichte a chur an sàs airson luchd-tadhail aig Ospadal Uibhist is Bharraigh ann am Beinn na Faoghla an dèidh do dh'àireimh bhig de chùisean COVID-19 nochdadh ann.

Chan fhaodar tadhal gun adhbhar riatanach a-niste gus an tig an còrr fiosrachaidh.

Tha sin a' ciallachadh daoine a dh'fheumas a bhith ann airson cùraim euslaintich, a' toirt a-steach chàirdean euslainteach a tha a' faighinn cùraim deireadh-beatha, pàrantan chloinne a tha san ospadal, agus luchd-cùraim a tha a' toirt taic do dh'euslaintich so-leònta.

Chaidh buidheann a chur air dòigh airson dèanamh cinnteach gu bheil na ceumannan uile an sàs a tha a dhìth airson bacadh a chur air an tuilleadh sgapaidh den bhìoras anns an uàrd.

Ann am brath a sgaoil iad, chuir NHS nan Eilean Siar an cuimhne dhaoine gun tadhal air ospadalan no dachannan-cùraim ma tha iad a' faireachdainn meadhanach.