Nas lugha de dhàrna dachaighean sna h-Eileanan Siar bho dhùblaich a' chìs-chomhairle

- Air fhoillseachadh
Tha lùghdachadh de chòrr 's 60 air a thighinn air an àireimh de dhàrna dachaighean sna h-Eileanan Siar bho dhùblaich a' chìs-chomhairle air an son bho chionn dà bhliadhna.
Mus deach an dùblachadh a chur an sàs sa Ghiblean 2024, bha 896 dàrna dachaigh san sgìre.
Tha sin air tuiteam gu 834.
San dà bhliadhna às dèidh dhan chìs a bhith air a stèidheachadh, thog i cuideachd faisg air £2m a bharrachd do Chomhairle nan Eilean Siar.
Thathar an dòchas gun èirich sin gu £3m aig deireadh na bliadhna ionmhais seo.
Tha Fear-gairm Comhairle nan Eilean Siar, Coinneach MacLeòid, den bheachd gur e am poileasaidh a th' air diofar a dhèanamh.
"Tha daoine a-nis a' faicinn gu bheil e gu math daor a bhith a' cumail dàrna dachaigh no taighean falamh anns na h-Eileanan, mar a tha ann an àitichean eile," thuirt e.
Ach 's ann sna h-Eileanan Siar fhathast a tha an ìre as àirde de dhàrna dachaighean agus dachaighean falamh ann an Alba.
Dàrna dachaigh - cìs chomhairle ga dùblachadh?
- Air fhoillseachadh17 An Giblean 2023
Beachdachadh air cìs-comhairle dhùbailte do dhàrna dachannan
- Air fhoillseachadh7 An Gearran 2024
Dùil ri cìs-chomhairle 225% air dàrna dachaighean sna h-Eileanan an Iar
- Air fhoillseachadh17 An t-Ògmhios
Am-bliadhna, chuir an t-ùghdarras ionadail a' chìs suas a-rithist - an turas seo gu 225% - ach chan eil Mgr MacLeòid den bheachd gun tig lùghdachadh mòr às an seo.
"Tha e a' tighinn sìos beagan ach chan eil mi a' smaoineachadh gu bheil e a' tighinn sìos uiread 's a bha daoine a' smaoineachadh an toiseach.
"Tha an aon rud fìor do chomhairlean eile a rinn an aon rud.
"Ach tha an àireamh fhathast a' tighinn sìos agus tha sinn an dòchas gur ann sìos a bhios an àireamh a' tighinn."
A' bruidhinn air Aithris na Maidne Dimàirt, dh'aidich Mgr MacLeòid gu bheil teansa ann gu bheil cuid a' cur dhachaighean ann an ainmean dhaoine eile gus nach bi aca ris a' chìs a phàigheadh, ach nach eil càil ann as urrainn dhan chomhairle a dhèanamh mun sin.
Chan eil càil a dh'fhios aige an tig tuilleadh àrdachaidh air a' chìs agus thuirt e gu bheil a' chomhairle mothachail dhan cheangal a th' aig daoine ri dachaighean teaghlaich.
"Ach feumaidh sinne cuideachd a bhith a' faicinn - chan eil dachaighean falamh a' toirt airgead sam bith a-steach do choimhearsnachdan," thuirt e.
"Chan eil iad a' toirt airgead a-steach do bhùithean, chan eil iad a' cur àireamhan de dhaoine ann an sgoiltean.
"Tha sinn ag iarraidh dachaighean làn fhaicinn, daoine ag obair, clann sna sgoiltean agus daoine a' cleachdadh sheirbheisean ionadail.
"Mura h-eil sin againn, cha bhi coimhearsnachdan againn."

Tha Fear-gairm na comhairle, Coinneach MacLeòid, den bheachd gu bheil an dùblachadh air diofar a dhèanamh
Chuir Buidheann Taigheadais Innse Gall fàilte air an naidheachd, fhad 's a tha buannachd ann dhan choimhearsnachd.
Ann am brath thuirt iad: "'S e deagh rud a th' ann ma tha e a' ciallachadh gu bheil taighean a' tilleadh chun a' mhargaidh ionadail agus gu bheil iad rim faotainn do dhaoine a tha a' fuireach agus ag obair anns na h-Eileanan Siar.
"Ma tha daoine a' fuireach annta fad na h-ùine agus gu bheil iad a' cur ri coimhearsnachdan seasmhach, nì sin diofar mòr."
Atharraichean sa chìs
Fhuair comhairlean an Alba cumhachd ann an 2013 a' chìs -chomhairle a chur suas air dachaigh far a bheil dusan mìos air a dhol seachad gun duine a' fuireach innte.
Cha robh am poileasaidh a' toirt a-steach dàrna dachaighean - nach eil nam prìomh àite-còmhnaidh - ged a bha cead aig comhairlean a' chìs a stèidheachadh suas gu 90%, rud a rinn Comhairle nan Eilean Siar.
Thàinig atharrachaidhean poileasaidh eile thar nam bliadhnaichean, agus sa Ghiblean 2024 fhuair comhairlean cead a' chìs-chomhairle air dàrna dachaighean is taighean a tha falamh ùine mhòr a dhùblachadh an taca ris a' chìs àbhaistich.
Bhon Ghiblean am-bliadhna, thàinig atharrachadh eile is cead aig comhairlean co-dhùnadh dè an t-àrdachadh a bha iad ag iarraidh.
B' e amas nan cumhachdan ùra a thug Riaghalts na h-Alba dhaibh gum bi daoine air am brosnachadh feum a dhèanamh de thaighean ann an coimhearnsachdan a tha a' fulang dìth taigheadais.