Pròiseact ùr gus tasglannan Gàidhlig a dhìon

- Air fhoillseachadh
Chaidh pròiseact ùr a chur air chois a tha ag amas air tasglannan Gàidhlig san Eilean Sgitheanach, Loch Aillse agus na h-Eileanan an Iar a dhìon agus a dhèanamh nas ruigsinniche.
Tha am pròiseact, air a bheil Sgaoileadh an Sgeòil, air £146,112 fhaighinn, taobh a-muigh bho bhuidheann maoineachaidh nàiseanta nan Tasglannan, Archives Revealed, gus dà oifigear pròiseict fhastadh.
'S iad Tasglann an Eilein Sgitheanaich agus Loch Aillse a tha os cionn a' phròiseict, agus iad ag obair ann an co-bhonn le Tasglann nan Eilean, Comhairle nan Eilean Siar, Sabhal Mòr Ostaig agus Comhairle Albannach nan Tasglannan.
Bidh na h-oifigearan ùr stèidhichte san Eilean Sgitheanach agus ann an Leòdhas., taobh a-muigh
A thuilleadh air obair-glèidhidh agus cothrom nas fheàrr a thoirt do dhaoine air na tasglannan, thèid clàradh a dhèanamh agus bidh stuth ga chur ann an cruth didseatach.
Thuirt Catherine Nic a' Phì bho Thasglann an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse: "Cuiridh am pròiseact seo tasglannan chudromach air beulaibh a' phobaill, a' toirt cothrom do choimhearsnachdan ceangal às ùr a dhèanamh leis an dualchas aca."

Tha deilbh bho chruinneachadh an Urramaich Dòmhnall MacCallum mar phàirt dhe na tasglannan
Am measg nan cruinneachaidhean a bhios mar phàirt dhan phròiseact, tha pàipearan agus dealbhan an Urramaich Dòmhnall MacCallum, a bha na mhinistear aig àm Strì an Fhearainn ann an Leòdhas, Tiriodh agus san Eilean Sgìtheanach.
Tha pàipearan an sgrìobhadair Leòdhasaich, Tormod Calum Dòmhnallach, agus tasglannan nan companaidhean tèatar Fir Chlis agus Tosg cuideachd nam measg.
Thuirt Colin George Moireasdan, ceannard Sgioba an Dualchais agus a' Chultair aig Comhairle nan Eilean Siar: "Tha sinn air ar dòigh a bhith an sàs anns a' phròiseact seo.
"Chan e a-mhàin gum bi cothrom aig a' phoball air tasg-lann litreachais cudromach, ach bheir e cothrom do dhaoine a dhol an sàs anns gach tasg-lann aig cridhe a' phròiseict.
"Tha sinn an dòchas gun tèid ginealaichean an là an-diugh agus na ginelaichean a tha ri thighinn an sàs annta ann an dòigh chruthachail."

Tha am prògram airson fosgladh Càrn Aignis ann an 1996 cuideachd sna tasglannan