Leasachadh foghlam Gàidhlig Dhùn Èideann

  • Air fhoillseachadh
Bun-Sgoil Gàidhig
Fo-thiotal an deilbh,

Choinnich pàrantan aig Bun-Sgoil Taobh na Pàirce oidhche Ardaoin gus na molaidhean a dheasbad.

Tha Comhairle Dhùn Eideann a' bruidhinn an-dràsta ri Riaghaltas na h-Alba mu airgead 'son leasachadh air foghlam Gàidhlig sa bhaile.

An ath-sheachdain gheibh comhairlichean aithisg anns a bheil plana sia bliadhna a tha a' moladh àrd-sgoil Ghàidhlig agus an dàrna goireas bun-sgoile.

Tha Bun-Sgoil Taobh na Pàirce aig cridhe na Coimhearsnachd Gàidhlig ann an Dùn Èideann.

Ach chan fhada gus nach bi an sgoil sin mòr gu leor 'son na th' ann dh'iarrtasan 'son foghlaim Ghàidhlig ann am prìomh bhaile na h-Alba.

Mar thoradh air sin, thèid iarraidh air an ùghdarras ionadail taic a chur ri leudachadh mòr air foghlam Gàidhlig anns a' bhaile.

Goireas ùr

Tha aithisg ùr aig Comataidh Foghlaim na Comhairle a' moladh gun tèid goireas ùr fhosgladh ann an Dùn Èideann san Lùnastal 2023.

Thathar cuideachd a' moladh gun deadh àrd-sgoil Ghàidhlig fhosgladh a' bhliadhna às dèidh sin.

Ach tha coltas ann nach deach airgead a chur an dàrna taobh mu choinneimh nan leasachaidhean gu ruige seo.

Thuirt Labhraiche Gàidhlig na buidhne riaghlaidh aig Comhairle Dhùn Èìdeann, an Comh. Alison Dickie, gu bheil còmhraidhean mu ionmhas air tòiseachadh.

"Tha sinn a' bruidhinn ri Riaghaltas na h-Alba an-dràsta."

"Tha sinn ag iarraidh orra taic a thoirt dhuinn, agus tha fios agam gum faigh na planaichean againn fàilte mhòr agus thèid sinn an sàs anns na còmhraidhean sin", thuirt i.

Choinnich pàrantan aig Bun-Sgoil Taobh na Pàirce oidhche Ardaoin gus na molaidhean a dheasbad.

Chan eil teagamh orrasan gu bheil àrd-sgoil a dhìth ann an Dùn Èideann.

Thuirt Brian Thunder bho Chomann nam Pàrant gu bheil barrachd chloinne a-nis a' dol tron t-siostam.

"Aig an àm seo tha còrr is 800 duine-cloinne ann an Dùn Èideann eadar 0 suas gu 18 bliadhna ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig bho chròileagan suas dhan àrd-sgoil.

"Agus tha feum ann gum bi sgoil ann airson na cloinne sin", thuirt e.

Bidh comataidh na Comhairle a' bhotadh air na molaidhean seo Dimairt seo tighinn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo