Oidhche nam Bàrd a' cur iomall a' Mhòid gu dol

Fireannach na sheasamh ann an doras. Tha greim aige air bonaid agus e ga cumail os cionn a chinn.Tùs an deilbh, AN COMUNN GÀIDHEALACH
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh Makar na h-Alba am measg na nochdas air an àrd-ùrlar aig Oidhche nam Bàrd

  • Air fhoillseachadh

Tha prògram an iomaill aig Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna ann an Glaschu ga chur gu dol le oidhche a bhios a' comharrachadh còrr is 1,000 bliadhna de bhàrdachd Gàidhlig.

Thèid Oidhche nam Bàrd a chumail ann an ionad-ealain Tramway ann an ceann a deas a' bhaile Diardaoin an 10mh den t-Sultain.

Bidh deichnear bhàrd Gàidhlig air an àrd-ùrlar agus bidh iad a' fighe ri chèile guthan Gàidhlig bho na bliadhnaichean a dh'fhalbh agus feadhainn an là an-diugh.

Nam measg tha Makar na h-Alba, Pàdruig MacAoidh; Bàrd Baile Ghlaschu, Niall O'Gallagher, Meg Bateman agus Anna Frater.

Bidh na leughaidhean Gàidhlig air an eadar-theangachadh dhan Bheurla air sgrìon.

Tha am Makar den bheachd gur e tachartas gu math brosnachail a bhios an seo do bhàrdachd na Gàidhlig.

Thuirt Mgr MacAoidh: "Tha bàrdachd agus òrain air a bhith aig cridhe cultar na Gàidhlig airson còrr is 1,000 bliadhna agus tha iad fhathast nam pàirt riatanach, bheòthail de bheatha na Gàidhlig.

"Tha mi a' coimhead air adhart ri mac-talla agus buaidh nan seann dàn a chluinntinn, agus ri faicinn mar a bhios iad an cois obraichean cuid de na sgrìobhadairean as fheàrr a tha beò an-diugh."

Duine na shuidhe agus crùn air cuidean na uchd. Tùs an deilbh, AN COMUNN GÀIDHEALACH
Fo-thiotal an deilbh,

'S e Niall O'Gallagher Bàrd Baile Ghlaschu

Bidh ceòl an lùib an taisbeanaidh cuideachd le òrain gan gabhail le na seinneadairean Gàidhlig Claire Francis NicNìll agus Gillebrìde MacGilleMhaoil.

A thuilleadh air an sin, bidh an neach-ciùil aithnichte Ingrid NicEanraig am measg na bhios air an àrd-ùrlar cuideachd.

'S e Glaschu Beò a tha air an tachartas a chur air dòigh agus tha Àrd-riochdaire Ealain na buidhne, Rona Dhòmhnallach, ga fhaicinn mar chothrom cultar na Gàidhlig a thaisbeanadh.

"Tha a' Ghàidhlig na pàirt chudromach de dhearbh-aithne chultarail a' bhaile," thuirt i.

"Tha sinn ag amas air cothrom a thoirt dhan a h-uile duine ann an Glaschu – eadar gu bheil Gàidhlig aca no nach eil – a dhol an sàs agus eòlas fhaighinn air dualchas beartach agus cruthachail na Gàidhlig."

Gheibhear ticeadan, taobh a-muigh airson Oidhche nam Bàrd air làrach-lìn Tramway.

Thèid am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail ann an Glaschu bho 9mh - 17mh den Dàmhair.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu iomall a' Mhòid air làrach-lìn, taobh a-muigh Mòd Ghlaschu 2026.