Taighean-beaga a bh' air am milleadh sa Ghearasdan air fosgladh às ùr

Chaidh taigean-beaga Viewforth a mhilleadh grunn thursan
- Air fhoillseachadh
Tha taighean-beaga poblach anns a' Ghearasdan air an deach milleadh a dhèanamh fosgailte a-rithist, a rèir Comhairle na Gàidhealtachd.
Dh' fhosgail taighean-beaga Viewforth Diluain an dèidh dhaibh a bhith dùinte ùine mhòr.
Rinneadh damaiste air na taighean-beaga grunn thursan agus chaidh droch mhilleadh a dhèanamh an turas mu dheireadh a thachair an leithid.
Thuirt BP Inbhir Nis, an Eilein Sgitheanaich agus Taobh Siar Rois gun robh e "uabhasach" gun robh e a' toirt cho fada dhan chomhairle na goireasan a chàradh.
Thuirt Aonghas Dòmhnallach gu bheil dìth thaighean-beaga poblach air a' Ghàidhealtachd na trioblaid mhòr ann an sgìre far a bheil an eaconamaidh gu mòr an eiseimeil turasachd.
Taighean-beaga air am milleadh. Bhideo, 00:03:07
- Air fhoillseachadh30 Am Màrt 2023
Barrachd thaighean-beaga air a' Ghàidhealtachd. Bhideo, 00:02:44
- Air fhoillseachadh10 An Giblean 2024
Buinidh Eilidh Leitch dhan sgìre agus tha ise den bheachd gum feum goireasan den leithid a bhith sa bhaile.
"Chan eil roghainnean eile againn," thuirt i 's i a' bruidhinn air Aithris na Maidne Diluain.
"Tha taighean-beaga sna taighean-seinnse ach feumaidh tu a dhol a-steach agus deoch a cheannach 's barrachd a chur nad bhodhaig airson na goireasean a chleachdadh.
"Chan eil sin a' dèanamh ciall."
Dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil luchd-obrach air a bhith aig an làraich bhon t-seachdain a chaidh a' dèanamh na h-obrach.
Thuirt labhraiche dhan chomhairle: "Tha daoine air taighean-beaga Viewforth sa Ghearasdan a mhilleadh uair is uair agus às dèidh an turas mu dheireadh a thachair an leithid, bha iad air am fàgail ann am fìor dhroch staid."

Bidh na mìltean dhaoine a' tadhal air a' Ghearasdan agus air an sgìre mu thimcheall air
A rèir Mhgr Dhòmhnallaich, tha còrr is millean luchd-turais a' tadhal air a' bhaile gach bliadhna agus 's e seann daoine a th' ann an tòrr dhuibh.
Thuirt e gum bi busaichean làn daoine a' stad ann am pàirce chàraichean Viewforth, far a bheil na taighean-beaga.
"Tha na taighean-beaga air a bhith dùinte airson còrr is sia mìosan," thuirt e.
"Tha a' chomhairle air a h-uile leisgeul as urrainn dhaibh a thoirt seachad airson 's nach deach an càradh.
"Chan eil e idir math gu leòr agus tha e sgrìosail do dh'eaconamaidh a tha stèidhichte air turasachd.
"Feumaidh Comhairle na Gàidhealtachd smachd fhaighinn air seo."