Dàil 's tuilleadh cosgais an lùib obair leasachaidh air Taigh na Sgìre am Port Rìgh

Togalach le doras gorm. Tha soidhne ri taobh an dorais.
  • Air fhoillseachadh

Mairidh an obair leasachaidh air Taigh na Sgìre, toglach Chomhairle na Gàidhealtachd ann am Port Rìgh, nas fhaide na bha dùil agus bidh e cuideachd nas daoire.

Chaidh innse do Chomataidh an Eilein Sgitheanaich 's Ratharsair gu bheil suas ri £200,000 a bharrachd agus ceithir mìosan eile a dhìth airson na h-obrach.

Dhùin oifisean na comhairle, a bh' air a bhith stèidhichte ann an Taigh na Sgìre fad bhliadhnaichean, aig toiseach 2025.

A rèir aithisg, taobh a-muigh a chaidh air beulaibh na comataidh, tha dùil a-nis gum fosgail an togalach às ùr aig deireadh 2026.

Cosgaidh an leasachadh mu £5m.

Bha feum air obair leasachaidh leis nach robh an togalach freagarrach tuilleadh agus uisge air a bhith a' tighinn a-steach.

Bha mullach ùr air pàirt dheth agus còmhdach ùr taobh a-muigh nam ballachan an lùib nam planaichean.

Bha agus atharraichean air a thaobh a-staigh.

A thuilleadh air an sin, mar phàirt den leasachadh, tha seirbheisean poblach a chur còmhla san togalach.

Boireannach le falt dorcha agus i le gàire air a h-aodann. Tha scarf phurpaidh oirre.
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an Comh Chrissie NicGilleÌosa ag ràdh gun tàinig trioblaidean eile am follais

A' bruidhinn air Aithris na Maidne Diciadain, thuirt aon de chomhairlichean ionadail na sgìre, Cairistìona NicGilleÌosa, gun do nochd trioblaidean a bharrachd aon uair 's gun robh an obair air tòiseachadh.

"Sin dìreach fear de na draghan a th' againn nuair a thòisicheas tu a' leasachadh seann thogalaich," thuirt i.

"Tha mi cinnteach gum bi daoine toilichte gu bheil sinn a' dèanamh cinnteach gum bi Taigh na Sgìre nar sgìre airson co-dhiù ginealach no dhà eile.

"Tha a' mhòr-chuid den obair air a dhèanamh agus seo na pìosan beaga gus dèanamh cinnteach gu bheil e cho math 's a ghabhas."

Thig an t-airgead a bharrachd air a bheil feum à dà phoit eadar dhealaichte - Maoin Chalpa na comhairle agus Maoin Ath-bheòthachaidh nan Coimhearsnachdan.

Nuair a tha an obair deiseil, a thuilleadh air luchd-obrach na comhairle, bidh oifisean ann do bhuidhnean eile leithid HIE, NàdarAlba, VisitScotland agus Biùro Comhairleachaidh a' Phobaill.