Leudachadh air FtMG an Dùn Èideann san amharc às ùr

Soidhne aig Bun-sgoil Taobh na Pàirce
  • Air fhoillseachadh

Thèid aithisg ùr a dhèanamh air mar a ghabhas leudachadh a thoirt air Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig aig ìre na bun-sgoile ann an Dùn Èideann.

Chuala comhairlichean sa bhaile Dimàirt gu bheil feum air seo is "cunnart nach beag" ann gum bi Bun-sgoil Taobh na Pàirce sa bhaile ro làn.

Tha iomradh cuideachd gum faodadh seo fàgail air a' cheann thall gum biodh FtMG aig ìre àrd-sgoile air a ghluasad a-màch à Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig.

Tha dùil ris an aithisg ùr aig toiseach 2027 agus dh'fhaodadh an uairsin co-chomhairle a bhith ann.

Tha mì-chinnt air a bhith a' cuairteachadh FtMG ann am prìomh bhaile na h-Alba fad grunn bhliadhnaichean a-nise.

Dh'fhosgail a' chiad bhun-sgoil Ghàidhlig ann an Dùn Èideann - Bun-sgoil Taobh na Pàirce - ann an 2013 ann an seann thogalach Bun-sgoil Bhonnington.

Bha FtMG ann an Dùn Èideann ron sin air a thoirt seachad ann an aonad Gàidhlig ann am Bun-sgoil Chrois na Cìse.

Tha Comhairle Dhùn Èideann air coimhead aig diofar amannan air mar a ghabhadh foghlam Gàidhlig sa bhaile a leasachadh.

Mar phàirt den sin, tha mar a tha cuideam air a bhith air àireamhan aig Àrd-Sgoil Sheumais Ghilleasbuig, far a bheil FtMG aig ìre àrd-sgoile air a thoirt seachad.

Bha planaichean ann roimhe gus dà aonad ùr Gàidhlig a stèidheachadh aig ìre na bun-sgoile, a bhiodh còmhla ri Taobh na Pàirce a' biathadh a-steach gu àrd-sgoil ùr Ghàidhlig.

Cha robh pàrantan sa bhaile riaraichte leis na làraichean a bhathar a' moladh 'son àrd-sgoil ge-tà, is mòran dhiubh airson 's gum biodh e ann am meadhan a' bhaile, rud ris an robh an SNP air taic a chur sa mhanifesto aca 'son taghadh na h-Alba ann an 2021.

Aig a' cheann thall cha robh aonta ann is chaidh na planaichean an dàrna taobh ann an 2022.

Tha aithisg ùr, taobh a-muigh a chaidh air beulaibh Comataidh Foghlaim Comhairle Dhùn Èideann Dimàirt a' coimhead air suidheachaidhean Àrd-sgoiltean Bhoroughmuir is Sheumais Ghilleasbuig, is cuideachd Bun-sgoil Taobh na Pàirce.

Tha an aithisg ag ràdh gu bheil an àireamh de sgoilearan a tha a' dol a-steach gu Clas 1 ann am Bun-sgoil Taobh na Pàirce "caochlaideach" agus gu bheil "cunnart nach beag" ann gum bi suidheachadh ann nuair a bhiodh an sgoil ro làn.

Thathar a' mìneachadh cuideachd gum bi cuid de chloinn a' fàgail na sgoile mar a thèid iad air adhart, is mar a tha FtMG ag obair, nach eil mar as trice clann eile a' tighinn a-steach dhan sgoil às dèidh Clas 1.

Tha seo cuideachd mì-chinnteach ge-tà, tha an aithisg ag ràdh, is nan tigeadh lùghdachadh air na tha a' fàgail na sgoile dh'fhaodadh seo cuideachd fàgail gu bheil an sgoil ro làn.

Thathar a' cumail a-mach mar sin gu bheil coltas ann gu bheil feum air FtMG aig ìre na bun-sgoile ann an Dùn Èideann a leudachadh.

Dh'fhaodadh sin a bhith air a dhèanamh tro bharrachd àitichean a chruthachadh aig Bun-sgoil Taobh na Pàirce, air neo FtMG a stèidheachadh ann an sgìre eile den bhaile.

Conaltradh ri coimhearsnachd Bun-sgoil Taobh na Pàirce

Chaidh innse do chomhairlichean gu bheil feum air ro-innleachd air mar a ghabhadh FTMG aig ìre na bun-sgoile a leudachadh.

Thèid oifigich an sàs a-nise ann an conaltradh le coimhearsnachd Bun-sgoil Taobh na Pàirce is tillidh iad gu Comataidh an Fhoghlaim san Fhaoilleach 2027 le pàipear anns am bi roghainnean air an t-slighe air adhart.

Dh'fhaodadh na roghainnean sin an uairsin a dhol a-mach gu co-chomhairle phoblach.

A thaobh foghlam àrd-sgoile, thathar ag ràdh gum bi plana leasachaidh 'son FtMG aig ìre bun-sgoile cudromach san ùine-fhada is dùil gun cuireadh seo uallach air na tha de sgoilearan aig Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig.

Nan rachadh FtMG a ghluasad a-màch à Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig gu làrach eile, tha an an aithisg ag ràdh, bhiodh rùm air a shaoradh an sin.

Chan eil guth aig an ìre seo air làraichean eile 'son FtMG aig ìre àrd-sgoile.

Dragh

Bha pàrantan ann an Dùn Èideann air draghan a thogail leis a' chomhairle air thoiseach air a' choinneimh Dimàirt.

Thog Comhairle nam Pàrant aig Bun-sgoil Taobh na Pàirce air cho làn 's tha an sgoil mar-tha, is dh'iarr iad air Comhairle Dhùn Èideann tilleadh thuca nas tràithe na Am Faoilleach le mìneachadh air mar a tha iad am beachd adhartas a dhèanamh.

Tha a' bhuidheann ag iarraidh aithisg fhaicinn san t-Samhain.

Aig an dearbh àm, tha pàrantan aig Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig ag ràdh gu bheil feum air seòmraichean-teagaisg a bharrachd sa bhad.